Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cruinneachadh do dh'Urnaighean - Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an 1953
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_033
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29953
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
Assembled for prayers - Inverness Royal Academy 1953

Cruinneachadh na Maidne den Leth Àrd den Sgoil anns an talla mhòr. Cha robh ach an talla anns a' mheadhan freagarrach do choinneamhan mòra gus an do thogadh an treas leudachadh don sgoil an 1960. Bhite a' cumail cruinneachadh na maidne an seo gach latha. Tha luchd-teagaisg na sgoile nan seasamh air beingean air iomall an talla, fon stèidh. Air na colbhan, fo chleoc agus suaicheantas na sgoile, chithear Clàir-Chuimhneachaidh do Chogadh Hitler, a bhios anns an togalach an Cùl Dubhuillt a tha an gnìomh an-dràsta.

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.

Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thoghadh làrach ann an Sgìre a' Chrùin anns a' bhaile. B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Leagadh a' chlach-bhunait air an t-27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.

Bha an togalach seo, a tha an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis, an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùl Dubhuillt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cruinneachadh do dh'Urnaighean - Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an 1953

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sgoiltean; foghlam; togalaichean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)