Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, 1938
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_041
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1938
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29961
KEYWORDS
sgoiltean
togalaichean
foghlam
ailtireachd
Inverness Royal Academy, 1938

Chaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1792. Chaidh e an àite sgoil ghràmair sa bhaile aig an robh dàimhean a bha a' dol air air ais gu 'Sang Schule' (sgoil òran) Manachainn Inbhir Nis. Thogadh bho thùs e air an t-Sràid Ùir, a chaidh a h-ainmeachadh às ùr goirid às dèidh làimh mar Sràid an Acadamaidh. Fhuair an sgoil Còir Sgrìobhte Rìoghail bho Rìgh Seòras III ann an 1793, agus 's e sin as coireach gu bheil am facal 'Rìoghail' a' nochdadh ann an ainm na sgoil.

Anns na 1890an, mhothaich luchd-stiùiridh na sgoile, an dèidh iomadh aithisg-sgrùdaidh, nach robh an togalach air Sràid an Acadamaidh freagarrch dhan t-seòrsa foghlaim air an robh feum aig an àm. Thòisich iad air planaichean a dhèanamh airson togalach ùr. Chaidh làrach sa Chrùn a thaghadh an dèidh coimhead ri iomadh làrach eile. Ged nach robhas air mòran leasachaidh a cdhèanamh roimhe sin san sgìre ud dhen bhaile, bha e furasta faighinn ann bhon bhaile, is i aig mullach Bràigh Steafain agus Sràid Steafain. 'S e luchd-orbach companaidh ailtireachd a' bhaile, Ros is MacBheatha, na h-ailtirean (tha Alasdair Ros nas ainmeile airson obair dealabhaidh a rinn e airson Cathair-eaglais Naoimh Anndra, Inbhir Nis).

Thàinig e gu bàrr gun robh am Prìomh Mhaighstir air Saor-chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington, a' ol a thadhal air Inbhir Nis, agus, mar sin, chaidh seirbheis airson a' chiad chlach-stèidh a chur air dòigh airson an t-27mh là dhen Ògmhios 1893 aig 3f. Thug Mgr Roddie, tidsear seinn na sgoile, trèanadh do chòisir a sheinn laoidh Chlachaireach. Tha lann chopair sa chloich-stèidh le ainmean luchd-stiùiridh, oifigich, ailtire agus luchd-cùnnraidh oirre. Lorgar cuideachd ball-sampaill de bhonn-airgid na linne suas gu luach sòbhrain, na ceithir pàipearan-naidheachd mu dheireadh a chaidh fhoillseachadh sa Bhaile-mhalairt, leabhran-iùil sgoile, agus copaidhean de The Academical, iris na sgoile, anns an robh planaichean airson na sgoile.

Chaidh Còmhlan-ciùil Làmhachas Saor-thoileach na Gàidhealtachd a ghleidheadh (airson sùim nach biodh na b' àirde na £4), a bharrachd air a' phoileas, a bhith an làthair aig an t-seirbheis. Ann an làthair oifigich a' Bhaile, agus buill Bhòrd Sgoile a' Bhaile-malairt, thàinig daoine còmhla sa bhaile agus rinn iad air an làrach. Thog dealbhadair-camara an àite, Mgr Cooper, dà dhealbh dhen t-seirbheis, agus 's e am fear seo a tha againn fhathast. Às dèidh na seirbheis, chaidh cuirm chèic is fìona a chur air dòigh ann an Talla a' Bhaile, rud a rinn duilgheadasan a-rithist nuair a thog Roinn an Fhoghlaim Albannaich ceistean mun a' chaiteachas seo agus an robh e na chosgais dligheach ann an cosgaisean na sgoil ùir.

Chumadh an t-seirbheis fhosglaidh air a' 25mh là den Ghearran 1895. Bhathas fhathast a' cleachdadh an togalaich seo, a tha a-nis na phàirt de Cholaiste Inbhir Nis, gu ruige nan 1970an, nuair a chaidh sgoil ùr a thogail aig Cùl Dubhuillt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, 1938

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

sgoiltean; togalaichean; foghlam; ailtireachd

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)