Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cait-fhiadhaich na h-Alba 1
EXTERNAL ID
PC_SCOTTISHWILDCATS_01
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Wildcat Association
AITHNEACHADH MAOINE
29966
KEYWORDS
cait-fhiadhaich
gleidheadh bheathaichean fiadhaich
Scottish Wildcats 1

'S e glè bheag de bheathaichean air feadh an t-saoghail a tha nas fheàrr air sealg na cait-fhiadhaich na h-Alba; tha iad seòlta, dàna, innleachdail; foighidneach, sùbailte is cumhachdach, agus 's e fìor dheagh shealgairean a th' annta agus bhathas a' creidsinn suas gu na 1950an gun robh iad a' marbhadh dhaoine.

An dèidh còig ceud bliadhna a bharrachd de gheur-leanmhainn daonna na fhuair am madadh-allaidh Breatannach agus mìle bliadhna a bharrachd na an lioncs no am mathan, tha iad ann fhathast. Thug iad brosnachadh agus aig an aon àm feagal air cinnidhean Gàidhealach a sheas an aghaidh ìmpireachd nan Sasannach is nan Ròmanach. Tha tuathanaich agus geamairean na Gàidhealtachd fhathast a' toirt spèis do na cait-fhiadhaich gus an là an-diugh, is gu leòr aca ro dheònach luaidh a thoirt air an naidheachd air mar a chuir màthair chat às dhì fhèin ach am marbhadh i iolaire-bhuidhe a bha a' toirt ionnsaigh air na piseagan aice, air neo sgeulachdan bho òige air cait-fhiadhaich a' faighinn seachad air sgiobaidhean de gheamairean a' cumail faire is na cait a' falbh le uain bho achaidhean nan athraichean aca.

'S ged a tha cait-fhiadhaich glè choltach ri cait pheatail, chan iad idir cait àbhaisteach no cait tuathanais a bha an dèidh fàs fiadhaich, ach an aon bheathach-creachaidh mòr fiadhaich Breatannach air fhàgail agus iad air a bhith a' coiseachd fearann na dùthcha bho chionn mhillean bliadhna mus do nochd mac an duine air neo cait pheatail. Tha cat-fiadhaich na h-Alba na fhìor chat a tha a' samhlachadh nn dòigh aca agus an gnè dìomhair, neo-eisimeileach a tha gun shamhail.

Thàinig an teacsa seo bho Chomann nan Cat-fhiadhaich Albannach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cait-fhiadhaich na h-Alba 1

cait-fhiadhaich; gleidheadh bheathaichean fiadhaich

Scottish Wildcat Association

Scottish Wildcats