Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Caibeal, Cùirt Èdein, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_002
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
AITHNEACHADH MAOINE
29999
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
caibealan
tèatar
The Chapel, Eden Court, Inverness

Chaidh Cùirt Èdein a thogail fada sna 1870an leis an Eaglais Easbaigeach Albannach mar lùchairt do dh'Easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh, an t-Easbaig Raibeart Èdein. An dèidh dha ga dhèanamh na Easbaig aig Moireibh is Ros (mar a bha e an uair sin) ann an 1851, bha e air leasachadh na sgìre-easbaig iompachadh. An toiseach b' ann ann an Eilginn a bha an t-Easbaig, a' fuireach ann an Taigh Dhubhais, ach an dèidh beagan bhliadhnachan ghluais e a dh'Inbhir Nis far an robh e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Cùil Tuathail.

Ann an 1866 chaidh aige air clach bhonn aig a chathair-eaglais ùr a chur sìos air ionad faisg air Abhainn Nis. Chaidh an togalach a dheilbh le ailtire sgìreil, Alasdair Ros. Chaidh an obair air adhart gu luath agus ann an 1869, ghabhadh seirbheisean an cumail san togalach, ged nach do thachair coisrigeadh an togalaich (rud nach fhaodadh a bhith ann gus am biodh na fiachan air am pàigheadh) gu ruig 1874.

Bha an Eaglais Easbaigeach den bheachd gu robh iad fada an comain an Easbaig Èdein airson na rinn e, agus chuir iad romhpa gur e togail lùchairt an fhreagairt as fheàrr mar thaing dha. Cheannaich an t-Easbaig an talamh, faisg air a' chathair-eaglais, dha fhèin o Shir Alasdair MacMhathain agus chaidh an lùchairt a thogail ann an 1877/1878.

On staidhre bha caibeal prìobhaideach ann a chaidh a thogail gu tur le airgead an Easbaig Èdein fhèin, a' cosg £1000. An-diugh gabhaidh an caibeal a chleachdadh airson coinneamhan is tachartasan, 's e na Rùm Uaine, na phàirt de Tèatar Cùirt Èdein bho 1976. Tha an leabhar-lann a bh' ann an ath-dhoras air falbh an-diugh agus toll a' bhogsa-thogail agus trannsa na àite.

Dh'fhuirich ceithir Easbaigean mu seach ann an Cùirt Èdein: an t-Easbaig Èdein (gu ruig àm a bhàis ann an 1886), an t-Easbaig Seumas Kelly (a' fuireach ann 1886-1904), an t-Easbaig Artair MacIllEathain (1904-1935), agus an t-Easbaig Piers Holt Wilson (1943-1947).

As dèidh an Dàrna Cogaidh bha cosgais cumail-suas an togalaich ro àrd don eaglais. Sna bliadhnaichean deireannach a bha e aca, cha robh airgead gu leòr aig an easbaig ach airson aon rùm a bhlàthachadh, agus tha sgeulachdan ann gun do reoth uisge air fhàgail sna miasan sna seòmraichean-cadail tron oidhche. Chaidh an togalach a reic ann an 1947 mar ionad fuirich ro-thrèanaidh do niorsaichean, ach chaidh a reic ann an 1966 nuair a dh'fhosgail ionad ùr aig ospadal an Rathaig Mhòir.

Bha an togalach an uair sin na laighe falamh fad faisg air deich bliadhna. Ann an 1976 chaidh an tèatar ùr a thogail, leis an ainm Cùirt Èdein, agus togalach na lùchairt na phàirt dheth, mar oifisean agus rumannan dreasaidh. Ach bho chionn ghoirid, chaidh ath-leasachadh a dhèanamh air an tèatar agus gabhaidh an Lùchairt a-nis a chleachdadh gu prìobhaideach le daoine eile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Caibeal, Cùirt Èdein, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

eaglaisean; clèirich; ministearan; caibealan; tèatar

St Andrew's Cathedral, Inverness