Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clobhs na Cathair-eaglais, Inbhir Nis; sgeama san amhairc
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1860an
CRUTHADAIR
unknown
AITHNEACHADH MAOINE
30000
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
eaglaisean
planaichean thogalaichean
Cathedral Close, Inverness: conjectural scheme

Seo dealbh a rinn neach-ealain a' sealltainn coltas na cathair-eaglais agus taigh an Easbaig Èdein nuair a bhiodh iad deiseil.

Chaidh planaichean a chàradh (nach tàinig a-riamh gu buil) a sheall, san aon dòigh ri cathair-bhaile Sasannach, gum biodh clobhsa Cathair-eaglais air a thogail ann an Inbhir Nis le taighean do na clèirich, Lùchairt don Easbaig agus togalaichean eile a' buntainn dha, 's bhiodh iad sin nan laighe an iar-dheas air a' Chathair-eaglais fhèin. Às a' phlana seo, cha deach ach (air dreach eile) Lùchairt an Easbaig (am pìos tùsail de Chùirt Èdein mar a tha e an-diugh) a thogail agus an sgoil a bheireadh foghlam do ghillean san sgìre, sgoil a chaidh a chur air bhonn ann an 1854. Tha togalach na sgoile, an-diugh air a chleachdadh na thalla-eaglaise, le cliathaich na laighe ri balla Pàirc na Coinneimh a Tuath. Ann an 1874 chaidh sgoil nan gillean còmhla ri Sgoil an Easbaig do na h-Igheanan ann an togalach ann an Sràid an Rìgh, an-diugh leis an ainm Sgoil an Easbaig Èdein. Ged a tha i fosgailte do leanaibh sam bith, tha an sgoil sin fhathast air a ruith fo thaic Eaglais Easbaigich na h-Alba.

Ann an 1851 chuireadh an t-Easbaig Raibeart Èdein na dhreuchd mar Easbaig do Mhoireibh is Ros (chaidh Gallaibh a chur ris a-rithist) aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba. An toiseach b' ann às Eilginn a bha e ag obair, ach chunnaic e gu robh Inbhir Nis gu math na b' fhaisge do mheadhan a sgìreachd, 's mar sin ghluais e a dh'Inbhir Nis ann an 1853. Chuir e air bhonn Caibeal a' Mhisein ann an sgìre na 'Maggot' (Maghad?) sa bhaile, ach bha planaichean aige airson cathair-eaglais, agus thàinig iad sin gu buil ann an 1866.

Chaidh an t-ionad a cheannach air talamh bhàn an iar-dheas air an drochaid-chrochaidh ùr thairis air Abhainn Nis, beagan on abhainn. B' e an t-ailtire fear òg às an sgìre, Alasdair Ros (a bha na Easbaigeach), ach dh'fheumadh a chiad dheilbh a bhith air a ghearradh sìos air sgàth dìth airgid.

Chaidh a' chlach-bhonn a chur sìos le Àrd-easbaig Canterbury, an Dotair Teàrlach Longley, an 17mh Dàmhair 1866, a' chiad ghnìomh oifigeil a rinn Prìomhaiche Sasannach bhon chaidh a' chreideamh Chlèireach a chur air bhonn ann an Alba. Rinn cuid de mhuinntir na sgìre gearan gu robh feachd armailteach Inbhir Nis agus saighdearan saor-thoileach an sàs sa chùis, aig eaglais nach robh idir stèidhichte ann an Alba, agus lean iomairt làidir sna pàipearan naigheachd às a dhèidh.

Chosg a' Chathair-eaglais barrachd air £15,000 airson a thogail, ach chan eil seo a' cunntadh a' ghlainne dhathaich, an t-òrgan agus tòrr den àirneis, rudan uile a chaidh a bhuileachadh an asgaidh. Chaidh na ciad sheirbheisean a chumail innte ann an 1869, ach cha do thachair coisrigeadh an togalaich gu 1874 a chionns gu robh fiachan de shuim faisg air £7000 fhathast rim pàigheadh aig àm an fhosglaidh. B' e seo a' chiad chathair-eaglais a chaidh a thogail 's a choisrigeadh ann am Breatainn bho àm an Ath-leasachaidh.

Chan eil fhios co às a thàinig an dealbh seo.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clobhs na Cathair-eaglais, Inbhir Nis; sgeama san amhairc

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1860an

cathair-eaglaisean; eaglaisean; planaichean thogalaichean

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness