Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còisir Cathair-eaglais Inbhir Nis, anmoch 1920an/tràth 1930an
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an; 1930an
AITHNEACHADH MAOINE
30001
KEYWORDS
eaglaisean
seinneadairean
còisirean
còisirean eaglais
coisir-chiùil
Inverness Cathedral Choir, late 1920s/early 1930s

Seo Còisir Cathair-eaglais Inbhir Nis, fada sna 1920an no tràth sna 1930an, nan seasamh air an staidhre aig doras mòr na h-eaglaise. 'S e am ministear am Fìor Urr. Alasdair A.D. MacCoinnich, am fear a bha na Chiad-sheinneadair eadar 1911 is 1918, agus a bha an uair sin na Phròbhaist don eaglais gu ruig 1949. Tha D. E. Roberts (san deise) air a làimh chlì agus bha esan na Neach-cluiche an òrgain agus na Mhaighstir na còisire eadar 1920 is 1966.

'S fhada bhon a bha e na fhasan aig an Eaglais Easbaigich seinn còisire a bhith ann aig a prìomh sheirbheisean, gu h-àraid Didòmhnaich is Làithean Fèille. Stèidhich Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis còisir dhaibh fhèin goirid an dèidh an fhosglaidh ann an 1869. Mar bu dual 's e balaich is fireannaich a-mhàin a bhiodh sa chòisir, leis an loidhne a b' àirde 'soprano' air a sheinn le balaich. Fad ghreis mhòir bhiodh mòran de na gillean seo a' dol do Sgoil nan Gillean a bha ri taobh na Cathair-eaglais. An-diugh tha an sgoil sin air a dhol còmhla ri Sgoil Chaileagan an Easbaig agus 's e Sgoil an Easbaig Èdein a th' ann, ann an Sràid an Rìgh an Inbhir Nis.

Bha a' chòisir a-riamh saor-thoileach ach fad iomadh bliadhna bhiodh e na fhasan aca beagan airgid a thoirt do bhalaich na còisire, mar bhrosnachadh, gus an tigeadh iad do na dol-thairisean agus na seirbheisean, agus gheibheadh an fheadhainn a sheinneadh aon-neach Didòmhnaich beagan a bharrachd. Don fheadhainn aig an robh airgead-pòca gann no a dhìth aig an taigh, bhiodh seo na fheairt shònraichte de 'm beatha sa chòisir.

Ach, ge-ta, san fhichead 's a chiadamh linn tha e glè dhuilich gillean gu leòr fhaighinn a tha deònach a bhith aig dol-thairisean tron t-seachdain agus a bhith a' seinn dà uair san là aig seirbhisean na Sàbaid. Mar sin, 's e inbhich gu lèir a th' ann an còisir an là-an-diugh, le boireannaich a' seinn nam pàirtean alto is soprano. An-diugh (2011) tha an t-seinn de Shuipeir an Tighearna madainn na Sàbaid air a dhèanamh le còisir fad na bliadhna, agus bho àm gu àm bidh a' Chòisir cuideachd a' seinn Aoradh-feasgair na Sàbaid san fheasgar. Bidh a' chòisir cuideachd a' seinn aig seirbheisean sònraichte tron t-seachdain, leithid Latha na Nollaig agus tron Charghas (no 'Lent').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còisir Cathair-eaglais Inbhir Nis, anmoch 1920an/tràth 1930an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an; 1930an

eaglaisean; seinneadairean; còisirean; còisirean eaglais; coisir-chiùil

St Andrew's Cathedral, Inverness