Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de chur sìos clach-bhonn Cathair-eaglais Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_006
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
27 Dàmhair 1866
LINN
1860an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
St Andrew's Cathedral, Inverness
AITHNEACHADH MAOINE
30002
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
eaglaisean
sgoiltean
Illustration of the laying of the foundation stone of the Cathedral

Dealbh de chur sìos de chlach-bhonn Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, le Àrd-easbaig Canterbury, air a thogail on 'Illustrated London News', 27mh Dàmhair 1866.

Ann an 1851 chuireadh an t-Easbaig Raibeart Èdein na dhreuchd mar Easbaig do Mhoireibh is Ros (chaidh Gallaibh a chur ris a-rithist) aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba. An toiseach b' ann às Eilginn a bha e ag obair, ach chunnaic e gu robh Inbhir Nis gu math na b' fhaisge do mheadhan a sgìreachd, 's mar sin ghluais e a dh'Inbhir Nis ann an 1853. Chuir e air bhonn Caibeal a' Mhisein ann an sgìre na 'Maggot' (Maghad?) sa bhaile, ach bha planaichean aige airson cathair-eaglais, agus thàinig iad sin gu buil ann an 1866.

Chaidh an t-ionad a cheannach air talamh bhàn an iar-dheas air an drochaid-chrochaidh ùr thairis air Abhainn Nis, beagan on abhainn. B' e an t-ailtire fear òg às an sgìre, Alasdair Ros (a bha na Easbaigeach), ach dh'fheumadh a chiad dheilbh a bhith air a ghearradh sìos air sgàth dìth airgid.

Chaidh a' chlach-bhonn a chur sìos le Àrd-easbaig Canterbury, an Dotair Teàrlach Longley, an 17mh na Dàmhair 1866, a' chiad ghnìomh oifigeil a rinn Prìomhaiche Sasannach bhon chaidh a' chreideamh Chlèireach a chur air bhonn ann an Alba. Rinn cuid de mhuinntir na sgìre gearan gu robh feachd armailteach Inbhir Nis agus saighdearan saor-thoileach an sàs sa chùis, aig eaglais nach robh idir stèidhichte ann an Alba, agus lean iomairt làidir sna pàipearan naigheachd às a dhèidh.

Chosg a' Chathair-eaglais barrachd air £15,000 airson a thogail, ach chan eil seo a' cunntadh a' ghlainne dhathaich, an t-òrgan agus tòrr den àirneis, rudan uile a chaidh a bhuileachadh an asgaidh. Chaidh na ciad sheirbheisean a chumail innte ann an 1869, ach cha do thachair coisrigeadh an togalaich gu 1874 a chionns gu robh fiachan de shuim faisg air £7000 fhathast rim pàigheadh aig àm an fhosglaidh. B' e seo a' chiad chathair-eaglais a chaidh a thogail 's a choisrigeadh ann am Breatainn bho àm an Ath-leasachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de chur sìos clach-bhonn Cathair-eaglais Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1860an

cathair-eaglaisean; eaglaisean; sgoiltean

St Andrew's Cathedral, Inverness

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness