Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Talla-thrannsach agus Staidhre, Cùirt Èdein, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
AITHNEACHADH MAOINE
30003
KEYWORDS
togalaichean eachdraidheil
àirneis taighe
lùchairtean
easbaigean
Hallway and Staircase, Eden Court, Inverness

Chaidh Cùirt Èdein a thogail fada sna 1870an leis an Eaglais Easbaigeach Albannach mar lùchairt do dh'Easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh, an t-Easbaig Raibeart Èdein. An dèidh dha a dhèanamh na Easbaig aig Moireibh is Ros (mar a bha e an uair sin) ann an 1851, bha e air leasachadh na sgìre-easbaig iompachadh. An toiseach b' ann ann an Eilginn a bha an t-Easbaig, a' fuireach ann an Taigh Dhubhais, ach an dèidh beagan bhliadhnachan ghluais e a dh'Inbhir Nis far an robh e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Cùil Tuathail.

Ann an 1866 chaidh aige air clach bhonn aig a chathair-eaglais ùr a chur sìos air ionad faisg air Abhainn Nis.Chaidh an togalach a dheilbh le ailtire sgìreil, Alasdair Ros. Chaidh an obair air adhart gu luath agus ann an 1869, ghabhadh seirbheisean an cumail san togalach, ged nach do thachair coisrigeadh an togalaich (rud nach fhaodadh a bhith ann gus am biodh na fiachan air am pàigheadh) gu ruig 1874.

Bha an Eaglais Easbaigeach den bheachd gu robh iad fada an comain an Easbaig Èdein airson na rinn e, agus chuir iad romhpa gur e togail lùchairt an fhreagairt as fheàrr mar thaing dha. Cheannaich an Easbaig an talamh, faisg air a' chathair-eaglais, dha fhèin o Shir Alasdair MacMhathain agus chaidh an lùchairt a thogail ann an 1877/1878.

A' dol bhon talla-thrannsach sa mheadhan bha staidhre a' dol suas gu seòmraichean, 's msaa, air na lobhtaichean na b' àirde, agus bha àiteachan fuirich do na searbhantan sa phàirt ris a' chùl. 'S e an t-Easbaig Uilleam Falconer a tha san dealbh-aodainn air a' bhalla. Bha esan na Easbaig do Mhoireibh o 1742 gu 1778 agus cuideachd do Dhùn Èideann eadar 1776 agus a bhàs ann an 1784. 'S e an t-Easbaig Alasdair Jolly, Easbaig Mhoireibh 1796-1838 a tha san dealbh-aodainn eadar nan dorsan. Tha an dà pheantadh seo a-nis ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Fo dhealbh an Easbaig Jolly tha gràbhaladh ann, leis a' choltas air a thogail o dhealbh den Easbaig Èdein fhèin nuair a bha e na dhuine òg. Tha seo an-dràsta (2011) air fhoillseachadh air balla an staidhre ann an Lùchairt an Easbaig Èdein.

San t-seann Lùchairt bha ceithir rumannan poblach ann: rùm-bìdh; rùm suidhe, leabhar-lann agus rùm maidne (dealbh an cois seo). Tha an rùm maidne an-diugh na phàirt de Rùm MhicillEathain le aghaidh ri Abhainn Nis.

Dh'fhuirich ceithir Easbaigean mu seach ann an Cùirt Èdein: an t-Easbaig Èdein (gu ruig àm a bhàis ann an 1886), an t-Easbaig Seumas Kelly (a' fuireach ann 1886-1904), an t-Easbaig Artair Mac'illEathain (1904-1935), agus an t-Easbaig Piers Holt Wilson (1943-1947).

As dèidh an Dàrna Cogaidh bha cosgais cumail-suas an togalaich ro àrd don eaglais. Sna bliadhnaichean deireannach a bha e aca, cha robh airgead gu leòr aig an easbaig ach airson aon rùm a bhlàthachadh, agus tha sgeulachdan ann gun do reoth uisge air fhàgail sna miasan sna seomraichean-cadail tron oidhche. Chaidh an togalach a reic ann an 1947 mar ionad fuirich ro-thrèanaidh do niorsaichean, ach chaidh a reic ann an 1966 nuair a dh'fhosgail ionad ùr aig ospadal an Rathaig Mhòir.

Bha an togalach an uair sin na laighe falamh fad faisg air deich bliadhna. Ann an 1976 chaidh an tèatar ùr a thogail, leis an ainm Cùirt Èdein, agus togalach na làchairt na phàirt dheth, mar oifisean agus rumannan dreasaidh. Ach bho chionn ghoirid, chaidh ath-leasachadh a dhèanamh air an tèatar agus gabhaidh an Lùchairt a-nis a chleachdadh gu prìobhaideach le daoine eile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Talla-thrannsach agus Staidhre, Cùirt Èdein, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

togalaichean eachdraidheil; àirneis taighe; lùchairtean; easbaigean

St Andrew's Cathedral, Inverness