Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Easbaig Eden mar dhuine òg
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_014
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS:Slèite
NEACH-FIOSRACHAIDH
Eden Court Theatre
AITHNEACHADH MAOINE
30010
KEYWORDS
clèir
clèieich
easbaigean
deilbh dhaoine
Bishop Eden as a young man

Eabaig Eden bho phriont ann an Liùchairt an Easbaig, Taigh-cluiche Eden Court. An dealbh tùsail air a pheantadh le Seòras Richmond (1809 - 1896); gràbhal le Somhairle Cousins (1801 - 1887).

Rugadh Easbaig Eden ann an Lunnainn ann an 1804, an treas mac aig Freadaraig Morton Eden, 2na Baran Truir, Siorrachd Dhurham. Cheumnaich e à Oxford le ceum anns na h-ealain agus diadhachd. An dèidh dha a bhith na Mhinistear ann an Leigh on Sea ann an Essex, b' e roghainn a chur iongnadh air daoine a bh' ann mar Easbaig Mhoireibh agus Rois ann an 1851, aig aois 47, an dèidh dhan Eabaig Daibhidh Low a dhreuch a leigeil dheth. Fhad 's a tha fhios, cha robh Eden air siubhal nas fhaide tuath na Glaschu. Chaidh Gallaibh a chur ri a Sgìr-easbaig ann an 1864.

An toiseach bha Eden stèidhichte ann an Eilginn, far an robh a' Chathair-eaglais eachdraidheil na tobhta, agus bha e a' fuireach ann an Taigh Duffus. Cha robh ach seachd no ochd de choitheanalan san Sgìr-easbaig, ach cha b' fhada gus an do dh'fhàs seo. Cha b' fhada gus an do thuig e gum b' e Inbhir Nis làrach tòrr na b' fheàrr airson Cathair-eaglais ùr, agus ghluais e an sin ann an 1853. Ghluais e beachdan sa bhaile cho mòr 's gun robh e comasach clach bhunaiteach Cathair-eaglais An Naomh Anndra a chur sìos ann an 1866, a' cleachdadh an ailtire ionadail Alasdair Ros (a bha na Easbaigeach) gus an togalach a dheilbh. Chaidh a chlach a chur sìos le caraid Eden, Àrd-easbaig Chanterbury. Dh'adhbhraich seo othail ann an Inbhir Nis am measg cuid de bhuill Eaglais stèidhichte na h-Alba.

An toiseach bha e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Chùl Daothail. Ach air sgàth oidhirpean ann a bhith a' leasachadh na h-eaglaise, thog a choitheanal maoin gus Eden Court, Lùchairt an Easbaig, a thogail agus a tha an-diugh na phàirt de thaighn-cluich Eden Court. Chaidh seo a chrìochnachadh ann an 1878 (faic na deilbh camara). Bha e cuideachd gnìomhach gu h-ionadail ann an cùisean foghlaim, agus bha e na stiùiriche de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis airson greis.

Bha Eden na Phrimus air Eaglais Easbaigeach na h-Alba bho 1862 gu 1886. Dh'ath-nuadhaich e co-cheangal eadar Eaglaisean Shasainn agus an Ear nuair a thadhail e air an Ruis ann an 1866. Tha na h-ìomhaighean a thug Tsar Alexander II dha, a tha air an taisbeanadh sa Chathair-eaglais, air an toirt dha mar thiodhlacan aig an àm seo. Bhàsaich e san Lùnastal 1886 ann an Inbhir Nis, a dhèidh dha shlàinte a bhithid a' fàiligeadh airson greis. Phòs e ann an 1827 agus bha còignear mhac agus còignear nighean aige, agus chaidh aon dhiubh, Raibeart Ailean Eden, dhan chlèir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Easbaig Eden mar dhuine òg

INBHIR NIS:Slèite

clèir; clèieich; easbaigean; deilbh dhaoine

Eden Court Theatre

St Andrew's Cathedral, Inverness