Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
D.E. Roberts, Organist and Choirmaster at St Andrew's Cathedral, Inverness

Bha Daniel (Dòmhnall) Edwin Roberts na Neach-òrgain agus na Mhaighstir-còisire aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis fad cheathrad 's a sia (dà fhichead 's a sia) bliadhna bho 1920. Thàinig air an dreuchd a thoirt seachad air adhbhar a dhroch-shlàinte tràth ann an 1966 aig aois 83. 'S e am fear a b' fhaide a dh'fhurich, gu math na b' fhaide na duin' eile, san dreuchd sin aig a' Chathair-eaglais.

A bharrachd air a bhith a' dèanamh dol-thairis leis a' chòisir agus a' stiùireadh na seinn aig seirbheisean na Sàbaid, bhiodh Mgr Roberts cuideachd a' cur air dòigh tachartasan sònraichte, leithid consartan le pìosan air togail on Mhessiah agus oibrichean naomh eile. Bhiodh e cuideachd a' dèanamh cluich-aon-neach air an òrgain do luchd-èisteachd.

Chaidh cèilidh shòisealta a chumail ann an Taigh na h-Eaglaise, Sràid Choinnich, gus a chlaoineadh bho dhreuchd a chomharrachadh, an dèidh piseach a thighinn air bho thinneas. Chaidh seic a thoir seachad dha mar thaing is aithneachadh airson a sheirbheis fhada.

Bhàsaich e ann an 1969, mu shia seachdainean mus do bhàsaich ro-Phròbhaist na h-eaglais A. A. D. MacCoinnich, am fear, tràth na dhreuchd fhèin, a bha air Mgr Roberts a chur na dhreuchd mar Neach-òrgain na Cathair-eaglais.

'S fhada bhon a bha e na fhasan aig an Eaglais Easbaigich seinn còisire a bhith ann aig a prìomh sheirbheisean, gu h-àraid Didòmhnaich is Làithean Fèille. Stèidhich Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis còisir dhaibh fhèin goirid an dèidh an fhosglaidh ann an 1869. Mar bu dual 's e balaich is fireannaich a-mhàin a bhiodh sa chòisir, leis an loidhne a b' àirde 'soprano' air a sheinn le balaich. Fad ghreis mhòir bhiodh mòran de na gillean seo a' dol do Sgoil nan Gillean a bha ri taobh na Cathair-eaglais. An-diugh tha an sgoil sin air a dhol còmhla ri Sgoil Chaileagan an Easbaig agus 's e Sgoil an Easbaig Èdein a th' ann, ann an Sràid an Rìgh an Inbhir Nis.

Bha a' chòisir a-riamh saor-thoileach ach fad iomadh bliadhna bhiodh e na fhasan aca beagan airgid a thoirt do bhalaich na còisire, mar bhrosnachadh, gus an tigeadh iad do na dol-thairisean agus na seirbheisean, agus gheibheadh an fheadhainn a sheinneadh aon-neach Didòmhnaich beagan a bharrachd. Don fheadhain aig an robh airgead-pòca gann no a dhìth aig an taigh, bhiodh seo na fheairt shònraichte de 'm beatha sa chòisir.

Ach, ge-ta, san fhichead 's a chiadamh linn tha e glè dhuilich gillean gu leòr fhaighinn a tha deònach a bhith aig dol-thairisean tron t-seachdain agus a bhith a' seinn dà uair san là aig seirbhisean na Sàbaid. Mar sin, 's e inbhich gu lèir a th' ann an còisir an là-an-diugh, le boireannaich a' seinn nam pàirtean alto is soprano. An-diugh (2011) tha an seinn de Shuipeir an Tighearna madainn na Sàbaid air a dhèanamh le còisir fad na bliadhna, agus bho àm gu àm bidh a' Chòisir cuideachd a' seinn Aoradh-feasgair na Sàbaid san fheasgar. Bidh a' chòisir cuideachd a' seinn aig seirbheisean sònraichte tron t-seachdain, leithid Latha na Nollaig agus tron Charghas (no 'Lent').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

D.E. Roberts, Neach-òrgain agus na Mhaighstir-còisire, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

cathair-eaglaisean; seinneadairean; còisirean; còisirean eaglais; coisir-chiùil; luchd-ciùil

St Andrew's Cathedral, Inverness