Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Mhias-bhaistidh, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_016
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
AITHNEACHADH MAOINE
30012
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
ailtireachd eaglaisean
taobh a-staigh eaglaisean
ailtireachd
togail eaglaisean
The Font, St Andrew's Cathedral, Inverness

'S e a' mhias-bhaistidh tè de na pìosan ulaidh a th' aig a' Chathair-eglais. Cha deach a cur a-steach bho thoiseach, ach bha a' mhias ann aig àm a' choisrigidh ann an 1874. 'S ann mu na 1960an a chaidh an dealbh-camara seo a thogail, bliadhnaichean nuair a chaidh na ballachan a-staigh an ùr-pheantadh le dath bàin air fad, a rinn an togalach gu math na bu shoilleire, an àite a' pheantaidh ann an samhla chlachan a bh' ann roimhe. Ann an 1969 chaidh na rèileannan a chithear an seo an ath-ùrachadh le feadhainn ùra a chaidh a thoirt seachad don eaglais le muinntir Sgoil an Easbaig Èdein.

'S e cumadh slige chreachainn a th' air a' mhias-bhaistidh, air a cumail suas le aingeal air a ghlùinean air a ghràbhaladh ann am marmor geal. B' e seo obair neach-gràbhalaidh ann an Lunnainn, Seumas F. Redfern (1838-76), air a shamhlachadh air mias-bhaistidh den aon seòrsa a rinn an neach-gràbhalaidh Dainmhairgeach, Bertel Thorwaldsen (1770-1844), a bha na phàirt den dealbhadh aige airson ath-thogail Eaglais na Màthrach (Vor Frue Kirke) ann an Copenhagen.

Tha a' mhias seo diofraichte ann an aon dòigh gu h-àraid: cha b' e seo aodann aingil Thorwaldsen (aig an robh falt cama-lubach seachad air a ghuailnean agus fleasg lusan ('chaplet wreath') mu cheann), ach aodann aig bean a' Chòirneil Learmonth à Deathan, Dùn Èideann, am fear a phàigh airson na mias.

Ann an Alba, tha miasan-baistidh den aon seòrsa rin lorg ann an cathair-eaglaisean An Naoimh Giles ann an Dùn Èideann, an Naoimh Eòin an t-Soisgeulaiche ann an Dùn-phris agus an Naoimh Mairead, Newlands, Glaschu. Tha miasan-baistidh eile air an aon deilbh rim faicinn ann an eaglais ann an Akureyri ann an Innis Tìl a tuath agus ann an Cathair-eaglais an Naoimh Sheòrais ann am Baile Sheòrais, Guyana. 'S e neach-gràbhalaidh Eadailteach a rinn a' mhias ann an Innis Tìle, ach 's e Anndra MacDhaibhidh à Inbhir Nis, am fear a rinn gràbhaladh na cùbainn ann an Cathair-eaglais Inbhir Nis, a rinn gràbhaladh na mias ann an Guyana. Tha co-dhiù dhà eile den aon seòrsa mias rin lorg ann an Ameireaga.

Chaidh clach bhonn na cathair-eaglais ùr a chur sìos ann an 1866 agus chaidh na ciad sheirbheisean a chumail innte ann an 1869, ach cha do thachair coisrigeadh an togalaich gu 1874 a chionns gu robh fiachan de shuim faisg air £7000 fhathast rim pàigheadh aig àm an fhosglaidh. Chosg e barrachd air £15,000 a' chathair-eaglais a thogail, ach chan eil seo a' cunntadh a' ghlainne dhathach, an t-òrgan agus tòrr den àirneis, rudan uile a chaidh a bhuileachadh an asgaidh. B' e seo a' chiad chathair-eaglais a chaidh a thogail 's a choisrigeadh ann am Breatainn bho àm an Ath-leasachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Mhias-bhaistidh, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

eaglaisean; cathair-eaglaisean; ailtireachd eaglaisean; taobh a-staigh eaglaisean; ailtireachd; togail eaglaisean

St Andrew's Cathedral, Inverness