Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Corp-eaglais agus An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_017
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1970an
AITHNEACHADH MAOINE
30013
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
ailtireachd eaglaisean
taobh a-staigh eaglaisean
ailtireachd
togail eaglaisean
The Nave and Chancel, St Andrew's Cathedral, Inverness

Tha an sealladh seo air taobh a-staigh na Cathair-eaglais ann an Inbhir Nis o mu 1970, ach a-mach air an dòigh shoillseachaidh, chan eil mòran air atharrachadh chun an là-an-diugh. Tha ceithir bàghan sa chorp-eaglais (no 'nave') agus tha e 27 meatairean ann am fad, agus an seansal 18 meatairean. Tha am plana ann an cumadh croise, ach, a chionns gu robh cuingealachaidhean san làraich aig àm an togail, chan eil an eaglais air a càradh leis an altair aig a ceann an ear, ach aig ceann an iar-dheas an togalaich.

'S e aon cheap de chlach-ghràin o Cheann Phàdraig a tha 's gach colbh. Tha na cinn-chuilbh air an gràbhaladh gu domhainn le lusan, flùraichean agus eòin. Chaidh seo a dhèanamh le luchd-ciùird às an sgìre fhèin, ged nach robh iad eòlach air an t-seòrsa obair seo. Os cionn na cinn-chuilbh tha aodainnean air an gràbhaladh. B' iad seo triùir easbaigean a bh' ann roimhe agus cuideachd fear dhiubh de dh'Alasdair Ros, ailtire na Cathair-eaglais. San dealbh chithear pàirtean den dà thaobh-thrannsa gach taobh den chorp-eaglais.

Aig comar a' chuirp-eaglais agus na còisire tha sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh agus an Ròd crochte ann, na dhà dhiubh o 1923 agus obair Shir Raibeirt Lorimer, am fear as fheàrr a dh'aithnichear mar ailtire Carraigh-cuimhne Cogaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Caisteal Dhùin Èidinn. Tha iad seo mar chuimhneachan air buill a' choithionail a thuit sa Chiad Chogadh, An Cogadh Mòr. Tha an ainmean air an gràbhaladh air na clàran.

Chaidh clach bhonn na cathair-eaglais ùr a chur sìos ann an 1866 agus chaidh na ciad sheirbheisean a chumail innte ann an 1869, ach cha do thachair coisrigeadh an togalaich gu 1874 a chionns gu robh fiachan de shuim faisg air £7000 fhathast rim pàigheadh aig àm an fhosglaidh. Chosg e barrachd air £15,000 a' chathair-eaglais a thogail, ach chan eil seo a' cunntadh a' ghlainne dhathaich, an òrgain agus tòrr den àirneis, rudan uile a chaidh a bhuileachadh an asgaidh. B' e seo a' chiad chathair-eaglais a chaidh a thogail 's a choisrigeadh ann am Breatainn bho àm an Ath-leasachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Corp-eaglais agus An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1970an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; ailtireachd eaglaisean; taobh a-staigh eaglaisean; ailtireachd; togail eaglaisean

St Andrew's Cathedral, Inverness