Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còisir Cathair-Eaglais Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_019
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1878
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
St Andrew's Cathedral, Inverness
AITHNEACHADH MAOINE
30015
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
seinneadairean
còisirean
còisirean eaglais
coisir-chiùil
Inverness Cathedral Choir outside Lady Chapel door, 1878

San dealbh seo chithear balaich còisir na Cathair-eaglais air an staidhre taobh a-muigh doras Caibeil an Leadaidh air taobh na h-aibhne den Chathair-eaglais. Chan eil ach glè bheag de dh'fhiosrachadh ann mu làithean tràtha Còisir na Cathair-eaglais, agus 's e seo fear de na ciad dealbhan is aithne dhuinn a tha a' sealltainn bhuill na còisir.

'S fhada bhon a bha e na fhasan aig an Eaglais Easbaigich seinn còisire a bhith ann aig a prìomh sheirbheisean, gu h-àraid Didòmhnaich is Làithean Fèille. Stèidhich Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis còisir dhaibh fhèin goirid an dèidh an fhosglaidh ann an 1869. Mar bu dual 's e balaich is fireannaich a-mhàin a bhiodh sa chòisir, leis an loidhne a b' àirde 'soprano' air a sheinn le balaich. Fad ghreis mhòir bhiodh mòran de na gillean seo a' dol do Sgoil nan Gillean a bha ri taobh na Cathair-eaglais. An-diugh tha an sgoil sin air a dhol còmhla ri Sgoil Chaileagan an Easbaig agus 's e Sgoil an Easbaig Èdein a th' ann, ann an Sràid an Rìgh an Inbhir Nis.

Bha a' chòisir a-riamh saor-thoileach ach fad iomadh bliadhna bhiodh e na fhasan aca beagan airgid a thoirt do bhalaich na còisire, mar bhrosnachadh, gus an tigeadh iad do na dol-thairisean agus na seirbheisean, agus gheibheadh an fheadhainn a sheinneadh aon-neach Didòmhnaich beagan a bharrachd. Don fheadhain aig an robh airgead-pòca gann no a dhìth aig an taigh, bhiodh seo na fheairt shònraichte de 'm beatha sa chòisir.

Ach, ge-ta, san fhichead 's a chiadamh linn tha e glè dhuilich gillean gu leòr fhaighinn a tha deònach a bhith aig dol-thairisean tron t-seachdain agus a bhith a' seinn dà uair san là aig seirbhisean na Sàbaid. Mar sin, 's e inbhich gu lèir a th' ann an còisir an là-an-diugh, le boireannaich a' seinn nam pàirtean alto is soprano. An-diugh (2011) tha an seinn de Shuipeir an Tighearna madainn na Sàbaid air a dhèanamh le còisir fad na bliadhna, agus bho àm gu àm bidh a' Chòisir cuideachd a' seinn Aoradh-feasgair na Sàbaid san fheasgar. Bidh a' chòisir cuideachd a' seinn aig seirbheisean sònraichte tron t-seachdain, leithid Latha na Nollaig agus tron Charghas (no 'Lent').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còisir Cathair-Eaglais Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; seinneadairean; còisirean; còisirean eaglais; coisir-chiùil