Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còisir Cathair-Eaglais Inbhir Nis le Ministearan
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_020
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1878
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
St Andrew's Cathedral, Inverness
AITHNEACHADH MAOINE
30016
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
seinneadairean
còisirean
còisirean eaglais
coisir-chiùil
Inverness Cathedral Choir with Primus and Clergy, outside Lady Chapel door, 1878

San dealbh seo chithear fireannaich na còisir leis an Easbaig Raibeart Èdein (na shuidhe sa mheadhan agus ad àrd air), agus na Canain Frederic Teesdale agus Eideard Medley aig a dhà ghualainn. Chan eil ach glè bheag de dh'fhiosrachadh ann mu làithean tràtha Còisir na Cathair-eaglais, agus 's e seo fear de na ciad dealbhan is aithne dhuinn a tha a' sealltainn bhuill na còisir.

'S fhada bhon a bha e na fhasan aig an Eaglais Easbaigich seinn còisire a bhith ann aig a prìomh sheirbheisean, gu h-àraid Didòmhnaich is Làithean Fèille. Stèidhich Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis còisir dhaibh fhèin goirid an dèidh an fhosglaidh ann an 1869. Mar bu dual 's e balaich is fireannaich a-mhàin a bhiodh sa chòisir, leis an loidhne a b' àirde 'soprano' air a sheinn le balaich. Fad ghreis mhòir bhiodh mòran de na gillean seo a' dol do Sgoil nan Gillean a bha ri taobh na Cathair-eaglais. An-diugh tha an sgoil sin air a dhol còmhla ri Sgoil Chaileagan an Easbaig agus 's e Sgoil an Easbaig Èdein a th' ann, ann an Sràid an Rìgh an Inbhir Nis.

Bha a' chòisir a-riamh saor-thoileach ach fad iomadh bliadhna bhiodh e na fhasan aca beagan airgid a thoirt do bhalaich na còisire, mar bhrosnachadh, gus an tigeadh iad do na dol-thairisean agus na seirbheisean, agus gheibheadh an fheadhainn a sheinneadh aon-neach Didòmhnaich beagan a bharrachd. Don fheadhain aig an robh airgead-pòca gann no a dhìth aig an taigh, bhiodh seo na fheairt shònraichte de 'm beatha sa chòisir.

Ach, ge-ta, san fhichead 's a chiadamh linn tha e glè dhuilich gillean gu leòr fhaighinn a tha deònach a bhith aig dol-thairisean tron t-seachdain agus a bhith a' seinn dà uair san là aig seirbhisean na Sàbaid. Mar sin, 's e inbhich gu lèir a th' ann an còisir an là-an-diugh, le boireannaich a' seinn nam pàirtean alto is soprano. An-diugh (2011) tha an seinn de Shuipeir an Tighearna madainn na Sàbaid air a dhèanamh le còisir fad na bliadhna, agus bho àm gu àm bidh a' Chòisir cuideachd a' seinn Aoradh-feasgair na Sàbaid san fheasgar. Bidh a' chòisir cuideachd a' seinn aig seirbheisean sònraichte tron t-seachdain, leithid Latha na Nollaig agus tron Charghas (no 'Lent').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còisir Cathair-Eaglais Inbhir Nis le Ministearan

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; seinneadairean; còisirean; còisirean eaglais; coisir-chiùil