Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_022
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
AITHNEACHADH MAOINE
30018
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
ailtireachd eaglaisean
taobh a-staigh eaglaisean
ailtireachd
àirneis eaglaise
The Chancel, St Andrew's Cathedral, Inverness

San dealbh seo chithear Còisir agus Ionad-naomh (Sanctuary) na Cathair-eaglais. Chaidh an sgrìon agus na geataichean iarainn a tha rim faicinn air beulaibh an deilbh an toirt air falbh a-rithist agus sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh a chur nan àite. Chaidh suidheachain na còisire an suaipeadh ann an 1909 airson nan suidheachain a th' ann an-diugh mar chuimhneachan air an Easbaig Seumas Kelly. Ann an 1951, mar chuimhneachan air an Easbaig Artair MacIllEathain, chaidh Cùirtearan gach taobh na h-altaire a shuaipeadh airson clàran fiodha.

Tha cathair mhòr an Easbaig fhathast ann. Chaidh a shnaidheadh san sgìre ann an darach làidir le Anndra Friseal. Tha suaicheantas Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh air fhoillseachadh air druim na cathair. 'S e 'kathedra' a tha sa chathair seo, am facal Greugach airson cathair Easbaig, a' dèanamh na h-Eaglais seo na Cathair-eaglais.

'S ann à clach à Caen agus oillbhastair geal, le clàran innte den Agnus Dei, (Uan Dhè) agus am Pelican, a tha an altair. B' e seo gibht on Easbaig Èdein. Os cionn na h-altair tha 'reredos' ann de chlach à Caen a chaidh a ghràbhaladh le Tòmas Earp. Tha e a' sealltainn sa mheadhan An Ceusadh, agus air aon taobh clàr a' sealltainn àmhghar Chriosd ann an Gethsemane agus an Aiseirigh air clàr an taoibh eile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; ailtireachd eaglaisean; taobh a-staigh eaglaisean; ailtireachd; àirneis eaglaise

St Andrew's Cathedral, Inverness

San dealbh seo chithear Còisir agus Ionad-naomh (Sanctuary) na Cathair-eaglais. Chaidh an sgrìon agus na geataichean iarainn a tha rim faicinn air beulaibh an deilbh an toirt air falbh a-rithist agus sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh a chur nan àite. Chaidh suidheachain na còisire an suaipeadh ann an 1909 airson nan suidheachain a th' ann an-diugh mar chuimhneachan air an Easbaig Seumas Kelly. Ann an 1951, mar chuimhneachan air an Easbaig Artair MacIllEathain, chaidh Cùirtearan gach taobh na h-altaire a shuaipeadh airson clàran fiodha. <br /> <br /> Tha cathair mhòr an Easbaig fhathast ann. Chaidh a shnaidheadh san sgìre ann an darach làidir le Anndra Friseal. Tha suaicheantas Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh air fhoillseachadh air druim na cathair. 'S e 'kathedra' a tha sa chathair seo, am facal Greugach airson cathair Easbaig, a' dèanamh na h-Eaglais seo na Cathair-eaglais.<br /> <br /> 'S ann à clach à Caen agus oillbhastair geal, le clàran innte den Agnus Dei, (Uan Dhè) agus am Pelican, a tha an altair. B' e seo gibht on Easbaig Èdein. Os cionn na h-altair tha 'reredos' ann de chlach à Caen a chaidh a ghràbhaladh le Tòmas Earp. Tha e a' sealltainn sa mheadhan An Ceusadh, agus air aon taobh clàr a' sealltainn àmhghar Chriosd ann an Gethsemane agus an Aiseirigh air clàr an taoibh eile.