Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chùbainn agus An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_023
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
AITHNEACHADH MAOINE
30019
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
ailtireachd eaglaisean
taobh a-staigh eaglaisean
ailtireachd
The Pulpit and Chancel, St Andrew's Cathedral, Inverness

San dealbh seo chithear Còisir agus Ionad-naomh (Sanctuary) na Cathair-eaglais ann an Inbhir Nis o bheulaibh a' Chuirp-eaglais.

Chaidh an sgrìon agus na geataichean iarainn a tha rim faicinn air beulaibh an deilbh an toirt air falbh a-rithist agus sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh a chur nan àite. Chaidh suidheachain na còisire an suaipeadh ann an 1909 airson nan suidheachain a th' ann an-diugh mar chuimhneachan air an Easbaig Seumas Kelly. Ann an 1951, mar chuimhneachan air an Easbaig Artair MacIllEathain, chaidh Cùirtearan gach taobh na h-altaire a shuaipeadh airson clàran fiodha.

Tha cathair mhòr an Easbaig fhathast ann. 'S e fear san sgìre fhèin, Anndra Friseal, a shnaidh i à darach làidir. Tha suaicheantas Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh air fhoillseachadh air druim na cathair. 'S e 'kathedra' a tha sa chathair seo, am facal Greugach airson cathair Easbaig, a' dèanamh na h-Eaglais seo na Cathair-eaglais.

'S ann à clach à Caen agus alabastair a tha an altair, le clàran innte den Agnus Dei, (Uan Dhè) agus am Pelican. B' e seo gibht on Easbaig Èdein. Os cionn na h-altair tha 'reredos' ann de chlach à Caen a chaidh a ghràbhaladh le Tòmas Earp. Tha e a' sealltainn sa mheadhan An Ceusadh, agus air aon taobh clàr a' sealltainn àmhghar Chriosd ann an Gethsemane agus an Aiseirigh air clàr an taoibh eile.

Chaidh a' chùbainn air an taobh chlì a bhuileachadh le Frangan Walker à Foithear, neach-gairm a' chiad Chomataidh Togail aig a' Chathair-eaglais. Chaidh a ghràbhaladh leis a' chompanaidh sgìreil, D. & A. Davidson ann an clach à Caen agus marmor uaine Èireannach, air a togail air cuilbh de chlach-ghràin bho Obar Itheachan, taobh Loch Nis. Tha na clàran gràbhalaichte a' riochdachadh an Naoimh Anndra a' searmonachadh on chrois; An Cìobaire Math agus Eòin Baistidh a' searmonachadh san fhàsach.

Chaidh a' chiad òrgan, a chithear an seo, a thoirt seachad mar ghibht on Mh. Nic a' Phearsain-Ghrannd às Obar Lobhair. Chaidh a thogail le Hill & Mac, Lunnainn, agus ath-thogail ann an 1928, ach bho chionn ghoirid bhiodh e cho cosgail ath-ùrachadh eile a dhèanamh air gum feumadh iad òrgan ùr-nòs ditsiotach a chur a-steach na àite.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chùbainn agus An Seansal, Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; ailtireachd eaglaisean; taobh a-staigh eaglaisean; ailtireachd

St Andrew's Cathedral, Inverness