Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_024
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
AITHNEACHADH MAOINE
30020
KEYWORDS
eaglaisean
cathair-eaglaisean
ailtireachd eaglaisean
taobh a-staigh eaglaisean
ailtireachd
uinneagan
Looking 'west' from Choir stalls along the Nave, St Andrew's Cathedral, Inverness

San dealbh seo chithear a' Chathair-eaglais, a' coimhead on Chòisir don chorp-eaglais. Chaidh suidheachain na còisire an suaipeadh ann an 1909 airson nan suidheachain a th' ann an-diugh mar chuimhneachan air an Easbaig Seumas Kelly. Chaidh an sgrìon agus na geataichean iarainn an toirt air falbh ann an 1923 agus chaidh sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh, a th' ann fhathast, a chur nan àite.

Tha an uinneag aig ceann an 'iar' na Cathair-eaglais (chan ann san iar a tha i da-rìribh ach aig a ceann an ear-thuath, a chionns gu robh cuingealachaidhean san làraich aig àm an togail a' ciallachadh nach gabhadh a togail leis an altair aig a ceann an ear) cho mòr ri gin sam bith de a seòrsa ann an Alba. Coltach ris a' ghloine dhathach gu lèir san eaglais, chaidh an uinneag a dhèanamh le Hardman o Bhirmingham. 'S e a cuspair "Our Lord in Glory at the Last Judgement", agus 's e cuimhneachan air an Easbaig Èdein on sgìire-Easbaig a bh' innte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

eaglaisean; cathair-eaglaisean; ailtireachd eaglaisean; taobh a-staigh eaglaisean; ailtireachd; uinneagan

St Andrew's Cathedral, Inverness

San dealbh seo chithear a' Chathair-eaglais, a' coimhead on Chòisir don chorp-eaglais. Chaidh suidheachain na còisire an suaipeadh ann an 1909 airson nan suidheachain a th' ann an-diugh mar chuimhneachan air an Easbaig Seumas Kelly. Chaidh an sgrìon agus na geataichean iarainn an toirt air falbh ann an 1923 agus chaidh sgàilean Carragh-cuimhne a' Chogaidh, a th' ann fhathast, a chur nan àite.<br /> <br /> Tha an uinneag aig ceann an 'iar' na Cathair-eaglais (chan ann san iar a tha i da-rìribh ach aig a ceann an ear-thuath, a chionns gu robh cuingealachaidhean san làraich aig àm an togail a' ciallachadh nach gabhadh a togail leis an altair aig a ceann an ear) cho mòr ri gin sam bith de a seòrsa ann an Alba. Coltach ris a' ghloine dhathach gu lèir san eaglais, chaidh an uinneag a dhèanamh le Hardman o Bhirmingham. 'S e a cuspair "Our Lord in Glory at the Last Judgement", agus 's e cuimhneachan air an Easbaig Èdein on sgìire-Easbaig a bh' innte.