Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Club Criogaid an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, 1900
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_025
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1900
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
St Andrew's Cathedral, Inverness
AITHNEACHADH MAOINE
30021
KEYWORDS
eaglaisean
sgiobaidhean spòrs
criogaid
clubannan spòrs
sgioba lùth-chleasan
St Andrew's Cricket Club, Inverness, 1900

'S e am fear-clèireach am meadhan an deilbh Canan Alfred Eyre-Brook, a bha na chanan aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis bho 1892 gu 1915. Ged nach eil fiosrachadh sam bith ann an Iris na Cathair-eaglais mu 1900 air Club Criogaid ceangailte ris a' Chathair-eaglais, tha Courier Inbhir Nis a' toirt iomradh air iomadh maids criogaid timcheall Inbhir Nis far an robh sgioba an Naoimh Anndra a' cluich sgiobaidhean mar Chunntaidh Narann agus Foithir. Bha geamachan aig an taigh air an cluich aig Taigh-feachd nan Camshronach.

Thuirt iomradh naidheachd san t-Sultain 1900 gu robh Comann Lìog Criogaid Alba a Tuath air cur rompa gum biodh Club Criogaid an Naoimh Anndra nan Luchd-glèidhidh den Chupa fad bliadhna eile. Chaidh an cupa a thoirt seachad aig coinneamh shònraichte an 19mh den t-Sultainn agus chaidh an cupa an uair sin fo chùram a' Chanain Brook. Chaidh 4s (ceithir tasdanan) a chur ri aon taobh gus bràiste no cuimhneachan beag eile a thoirt seachad do gach ball a bha air cluich gu cunbhalach fad sheusan an t-samhraidh.

Chaidh an dealbh-camara a thogail aig an aon àm 's a chaidh an Cupa a thoirt seachad dhaibh. Tha an Canan Brook na shuidhe dìreach air cùl a' Chupa, agus Rùnaire a' Chlub, Mgr G T Cornet, ann am meadhan an sreath sa chùl. Tha an dealbh frèimichte seo an-diugh ann an arclann na Cathair-eaglais.

Sreath sa chùlaibh, clì gu deas: A Reid, C Dickson, J Mac a' Ghobhainn, G T Cornet, W MacDhòmhnaill, J. Dickson.
Sreath sa Mheadhan: J Friseal, J Ruiseal, Canan Brook, H C Weir, D Camshron, D Mirtle
Sreath sa Bheulaibh: D Mac an Tòisich, D Mac a' Ghobhainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Club Criogaid an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, 1900

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

eaglaisean; sgiobaidhean spòrs; criogaid; clubannan spòrs; sgioba lùth-chleasan