- TIOTAL
- Am Fìor Urramach Seumas Butler Kelly
- EXTERNAL ID
- PC_STAND_CATH_026
- DEIT
- 1904
- LINN
- 1900an
- CRUTHADAIR
- unknown
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30022
- KEYWORDS
- eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean

Rinn an t-Easbaig Seumas Kelly seirbhis na Easbaig do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba bho 1886 gu 1904. Thàinig e ann às dèidh an Easbaig Raibeart Èdein. Trì bliadhna mus do leig e dheth a dhreuchd na easbaig, bha Kelly cuideachd air a dhèanamh na Phrìomhaire aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba.
Rugadh Kelly ann an Sasainn agus fhuair e fhoghlam aig Colaiste Clare ann an Cambridge. Bha a chiad ghreis de sheirbheis ann an Abingdon agus an uair sin mar an t-seaplain dachaigheil aig Easbaig Shodor agus Mhanainn. Bho 1864 bha e a' dèanamh seirbheis san Tìr Ùr-Lorgte, no Newfoundland, Canada, a' dol air adhart a bhith na easbaig co-ghnìomhach agus an uair sin na easbaig do sgìre-easbaig a bha a' sgaoileadh o Labrador gu ruig Bermuda. Nuair a dh'fhàs e tinn, thill e a Shasainn ann an 1877. Fad bliadhna, gus an do bhàsaich an t-Easbaig Èdein ann an 1886, bha e na easbaig co-ghnìomhach do Mhoireibh, Ros is Gallaibh a' cuideachadh an Easbaig Èdein agus bha e cuideachd na Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.
Nuair a leig an t-Easbaig Kelly dheth a dhreuchd ann an 1904, chaidh òraid sgrìobhte dhealbhaichte a thoirt dha, agus mìle ainm air a chur ris. Chaidh seata de shoithichean airgid a' Chomanachaidh, a chleachdadh e gu prìobhaideach, a bhuileachadh dha leis na clèirich .
Chaochail e ann an 1907 an dèidh a bhith tinn greis. Bha seirbhis-bàis ann dha sa Chathair-eaglais an Inbhir Nis, 's an uair sin chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùraich an Inbhir Nis. Chaidh uinneag de ghlainne dhathach ga chuimhneachadh a chur ann an Cathair-eaglais an Naoimh Eòin san Tìr Ùr-Lorgte an Canada, cathair-eaglais a tha glè choltach, ach a-mhàin am mullach, ri Cathair-eaglais an Naoimh Moire ann an Dùn Èideann, a chionn 's gun deach a dheilbh leis an aon ailtire, Sir Gilbeart Scott.