Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Piers Holt Wilson
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_029
AITHNEACHADH MAOINE
30025
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend Piers Holt Wilson

Bha Piers Holt Wilson na Easbaig ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh o 1943 gu 1952. An dèidh dha ceumnachadh o Oxford, chaidh e gu Colaiste Diadhachd Wells. O 1912 gu 1914 bha e na sheaplan aig Cathair-eaglais an Naoimh Ninifhein ann am Peairt, agus às dèidh sin rinn e seirbheis cogaidh na sheaplain do na Feachdan Armaichte.

An dèidh dha barrachd seirbheis a dhèanamh ann an Sgìre-easbaig Chill Rìmhinn, Dhùin Chaillinn is Dhùin Bhlathainn, chaidh a choisrigeadh na easbaig am 29mh den Ògmhios 1943 ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis. 'S e an t-easbaig mu dheireadh a rinn a dhachaigh ann an Cùirt Èdein, lùchairt a chaidh a thogail ann an 1878 don Easbaig Raibeart Èdein. Bha Wilson cuideachd cliùiteach airson an obair tathaidh a leasaich e san sgìre-easbaig. Nuair a leig e dheth a dhreuchd bha a fhradharc a' fàilneachadh agus thill e a Chill Rìmhinn. Chaochail e ann an 1956.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Piers Holt Wilson

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

St Andrew's Cathedral, Inverness

Bha Piers Holt Wilson na Easbaig ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh o 1943 gu 1952. An dèidh dha ceumnachadh o Oxford, chaidh e gu Colaiste Diadhachd Wells. O 1912 gu 1914 bha e na sheaplan aig Cathair-eaglais an Naoimh Ninifhein ann am Peairt, agus às dèidh sin rinn e seirbheis cogaidh na sheaplain do na Feachdan Armaichte.<br /> <br /> An dèidh dha barrachd seirbheis a dhèanamh ann an Sgìre-easbaig Chill Rìmhinn, Dhùin Chaillinn is Dhùin Bhlathainn, chaidh a choisrigeadh na easbaig am 29mh den Ògmhios 1943 ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis. 'S e an t-easbaig mu dheireadh a rinn a dhachaigh ann an Cùirt Èdein, lùchairt a chaidh a thogail ann an 1878 don Easbaig Raibeart Èdein. Bha Wilson cuideachd cliùiteach airson an obair tathaidh a leasaich e san sgìre-easbaig. Nuair a leig e dheth a dhreuchd bha a fhradharc a' fàilneachadh agus thill e a Chill Rìmhinn. Chaochail e ann an 1956.