Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Donnchadh MacAonghais
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_030
AITHNEACHADH MAOINE
30026
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
clag
cluig
The Right Reverend Duncan MacInnes

An dèidh dha a dhol gu Colaiste Diadhachd Dhùin Èidinn, rinneadh Donnchadh MacAonghais na dheucon ann an 1926 agus na shagairt ann an 1927. Tràth na dhreuchd rinn e obair ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba ann an Glaschu is Bruaich Chluaidh, ach rinneadh e na Reachdaire do dh'Eaglais Easbaigeach Ghleann Comhainn ann an 1933, agus dh'fhuirich e an sin gu ruig 1953. 'S e fear na Gàidhlig a bh' ann.

Airson a sheribheisean sa chogadh mar sheaplan do na Feachdan Armaichte, choisinn e a' Chrois Armailteach agus MBE armailteach. Rinneadh e na Dheadhan ann an Sgìre-easbaig Earra-ghàidheil agus nan Eilean ann an 1946.

Ann an 1953 chaidh a choisrigeadh na Easbaig do Mhoireibh, Ros is Gallaibh. Bhàsaich e san Lùnastal 1970. Chaidh an seata de chluig, aon-deug dhiubh, aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis ath-ùrachadh mar chuimhneachan air an Easbaig MacAonghais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Donnchadh MacAonghais

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean; clag; cluig

St Andrew's Cathedral, Inverness

An dèidh dha a dhol gu Colaiste Diadhachd Dhùin Èidinn, rinneadh Donnchadh MacAonghais na dheucon ann an 1926 agus na shagairt ann an 1927. Tràth na dhreuchd rinn e obair ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba ann an Glaschu is Bruaich Chluaidh, ach rinneadh e na Reachdaire do dh'Eaglais Easbaigeach Ghleann Comhainn ann an 1933, agus dh'fhuirich e an sin gu ruig 1953. 'S e fear na Gàidhlig a bh' ann.<br /> <br /> Airson a sheribheisean sa chogadh mar sheaplan do na Feachdan Armaichte, choisinn e a' Chrois Armailteach agus MBE armailteach. Rinneadh e na Dheadhan ann an Sgìre-easbaig Earra-ghàidheil agus nan Eilean ann an 1946. <br /> <br /> Ann an 1953 chaidh a choisrigeadh na Easbaig do Mhoireibh, Ros is Gallaibh. Bhàsaich e san Lùnastal 1970. Chaidh an seata de chluig, aon-deug dhiubh, aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis ath-ùrachadh mar chuimhneachan air an Easbaig MacAonghais.