Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Griogar MacGriogair
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_031
AITHNEACHADH MAOINE
30027
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend Gregor MacGregor

Bha Griogar MacGriogair na Easbaig do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba o 1991 gu 1998.

Rugadh e ann an Glaschu an 1933 agus bha e na cheann-ghille aig Sgoil Ghràmair Ghillean Hutcheson. Chaidh e an uair sin gu Oilthigh Chill Rìmhinn, agus rinn e seirbheis na mhinisteir do dh'Eaglais na h-Alba o 1961 gu 1973, an toiseach ann an Dùn Deagh 's an uair sin ann an Srom Nis. Chaidh e an uair sin a-steach do dh'Eaglais Easbaigeach na h-Alba, 's cha b'fhada gus an robh e a' dèanamh obair neo-thuarasdalach am meadhan Alba, gu ruig 1981, fhad 's a bha e ag obair na mhaighstir-sgoile.

Eadar 1981 agus 1986 bha e na Reachdaire ann an Gleann Rathais, agus an uair sin greiseag na neach-glèidhidh do thaigh -tèarmainn ann an Eilean Chumraigh, mus deach a dhèanamh na Reachdaire ann an Dolair ann an 1987. An dèidh dha trì bliadhna a chur seachad na shagairt miseanaraidheil ann an sgìre thaigheadais Hailes an Iar ann an Dùn Èideann, ann an 1994 rinneadh e na Easbaig aig Moireibh, Ros is Gallaibh, a' leigeil dheth a dhreuchd ann an 1998. Goirid an dèidh seo dh'fhuiling e le stròc anacothromach a dh'fhàg dìth chomais air airson a' chòrr dhe bheatha. Bhàsaich e ann an 2003.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Griogar MacGriogair

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

St Andrew's Cathedral, Inverness

Bha Griogar MacGriogair na Easbaig do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba o 1991 gu 1998.<br /> <br /> Rugadh e ann an Glaschu an 1933 agus bha e na cheann-ghille aig Sgoil Ghràmair Ghillean Hutcheson. Chaidh e an uair sin gu Oilthigh Chill Rìmhinn, agus rinn e seirbheis na mhinisteir do dh'Eaglais na h-Alba o 1961 gu 1973, an toiseach ann an Dùn Deagh 's an uair sin ann an Srom Nis. Chaidh e an uair sin a-steach do dh'Eaglais Easbaigeach na h-Alba, 's cha b'fhada gus an robh e a' dèanamh obair neo-thuarasdalach am meadhan Alba, gu ruig 1981, fhad 's a bha e ag obair na mhaighstir-sgoile. <br /> <br /> Eadar 1981 agus 1986 bha e na Reachdaire ann an Gleann Rathais, agus an uair sin greiseag na neach-glèidhidh do thaigh -tèarmainn ann an Eilean Chumraigh, mus deach a dhèanamh na Reachdaire ann an Dolair ann an 1987. An dèidh dha trì bliadhna a chur seachad na shagairt miseanaraidheil ann an sgìre thaigheadais Hailes an Iar ann an Dùn Èideann, ann an 1994 rinneadh e na Easbaig aig Moireibh, Ros is Gallaibh, a' leigeil dheth a dhreuchd ann an 1998. Goirid an dèidh seo dh'fhuiling e le stròc anacothromach a dh'fhàg dìth chomais air airson a' chòrr dhe bheatha. Bhàsaich e ann an 2003.