Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Seòras Minshull Sessford
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_032
AITHNEACHADH MAOINE
30028
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend George Minshull Sessford

Rugadh Seòras Minshull Sessford ann an 1928 ann an Aintree ann an Sasainn agus chaidh e dhan sgoil ann an Liverpool. Rinn e an uair sin Seirbheis Nàiseanta san Èipheit le Corp Seirbheis an Airm Rìoghail agus às a dhèidh chaidh e gu Oilthigh Chill Rìmhinn. Rinn e an uair sin trèanadh aig Colaiste Diadhachd Lincoln agus ann an 1953 rinneadh e na dheucon, agus na shagairt bliadhna an dèidh sin. Eadar 1958 is 1966 bha e na cheann fhrith-mhinisteir ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba ann an Comar nan Allt, agus cuideachd, pàirt den ùine, na òraidiche aig Colaiste Trèanaidh nan Tidsearan an Cnoc Iòrdain.

Ghluais e a bhith na Reachdaire ann am Farrais ann an 1966, agus rinneadh e na Easbaig do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh ann an 1970, nuair a chaochail an t-Easbaig MacAonghais. Ann an 1993, aig an àm nuair a bha fìor dheasbad san eaglais mu dheidhinn boireannaich a bhith air an cur san dreuchd mar shagairtean, cùis a dh'fhàg an t-Easbaig Sessford glè dhiombach, leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Ros an Iar. Ach cha d'fhuair e cus ùine gus na h-ùidhean aige a leantainn - bha e math air seòladh, air gintinn nan aisealan agus air ath-ùrachadh nan seann chàraichean is bhaidhsagalan-motair - oir bhàsaich e ann an 1996, an dèidh greis de dhroch shlàinte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Seòras Minshull Sessford

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

St Andrew's Cathedral, Inverness

Rugadh Seòras Minshull Sessford ann an 1928 ann an Aintree ann an Sasainn agus chaidh e dhan sgoil ann an Liverpool. Rinn e an uair sin Seirbheis Nàiseanta san Èipheit le Corp Seirbheis an Airm Rìoghail agus às a dhèidh chaidh e gu Oilthigh Chill Rìmhinn. Rinn e an uair sin trèanadh aig Colaiste Diadhachd Lincoln agus ann an 1953 rinneadh e na dheucon, agus na shagairt bliadhna an dèidh sin. Eadar 1958 is 1966 bha e na cheann fhrith-mhinisteir ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba ann an Comar nan Allt, agus cuideachd, pàirt den ùine, na òraidiche aig Colaiste Trèanaidh nan Tidsearan an Cnoc Iòrdain.<br /> <br /> Ghluais e a bhith na Reachdaire ann am Farrais ann an 1966, agus rinneadh e na Easbaig do Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh ann an 1970, nuair a chaochail an t-Easbaig MacAonghais. Ann an 1993, aig an àm nuair a bha fìor dheasbad san eaglais mu dheidhinn boireannaich a bhith air an cur san dreuchd mar shagairtean, cùis a dh'fhàg an t-Easbaig Sessford glè dhiombach, leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Ros an Iar. Ach cha d'fhuair e cus ùine gus na h-ùidhean aige a leantainn - bha e math air seòladh, air gintinn nan aisealan agus air ath-ùrachadh nan seann chàraichean is bhaidhsagalan-motair - oir bhàsaich e ann an 1996, an dèidh greis de dhroch shlàinte.