Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lùchairt Spinnein no Spynie
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_033
ÀITE
Eilginn
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
1791
LINN
1790an
CRUTHADAIR
Samuel Hooper
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
AITHNEACHADH MAOINE
30029
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
eaglaisean
tobhtaichean
lùchairtean
Spynie Palace

'S e seo dealbh de Lùchairt Spynie no Spinnein, ann am Moireibh, le Somhairle Hooper, clo-bhuaileadair is foillsichear à Lunnainn. Chaidh fhoillseachadh ann an 1791.

O 1206 bha cathair is cathair-eaglais Easbaigean Mhoireibh ann an Spinnean, an ear thuath air Eilginn, ged a bha easbaigean na bu tràithe air cathair-eaglais a chur air bhonn ann an Cinn Eadarra no Braonaigh, dà àite a bha faisg air Eilginn. Chaidh a' Chathair-eaglais a ghluasad gu Eilginn fhèin san Iuchar 1244, ged a dh'fhuirich Lùchairt-còmhnaidh nan Easbaig ann an Spinnean. Tha tobhtaichean na lùchairt an-diugh fo chùram Alba Eachdraidheil.

Bha na h-Easbaigean a' cumail smachd air soithichean air Loch Spinnean, agus 's iad a bha an ceann port an sin gus an do dhùin gluasadan gainmhich beul a' phuirt mu 1480. Thaom na h-Easbaigean pàirt den loch agus dh'atharraich iad e gu talamh mhath thorrach. Bha Lùchairt Spinnein na laighe os cionn an loch. San t-Sultain 1562, thadhail Màiri Banrigh na h-Alba air Spinnean.

Tha na pìosan cloiche as aosta, na ballachan cuairteachaidh, on 14mh linn. Na b' fhaide sa 15mh linn, thog an t-Easbaig Daibhidh an tùr mòr, air a bheil an-diugh 'Tùr Dhaibhidh'. Sa bhliadhna 1500 bha an talla mòr air a thogail mar tha.

Às dèidh an Ath-leasachaidh, a thòisich ann an 1560, chaidh cead a thoirt don Easbaig Patrick fuireach na dhreuchd, gus an do bhàsaich e ann an 1573. Tron ath cheud bliadhna no mar sin, chaidh Easbaigean a thoirt a-steach air ais dà thuras agus b' e an t-easbaig mu dheireadh a dh'fhuirich san sgìre an t-Easbaig Raibeart Hay, a chaill a dhreuchd ann an 1689 nuair a dhiùlt e gairm-aithris mu Uilleam is Màiri a bhith nan co-rìghrean a leughadh. Chaidh e a dh'fhuireach ann an Inbhir Nis còmhla ri duine an nighean aige, Iain Cuithbheart às Caisteal Stìll. Lorgar clàr cuimhne an Easbaig Hay, a bha an toiseach san t-Seann Eaglais Àird, an-diugh ann an Caibeal na Leadaidh ann an cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.

Ann an 1851 chuireadh an t-Easbaig Raibeart Èdein na dhreuchd mar Easbaig do Sgìreachdan Mhoireibh is Rois. Chunnaic e gu robh Inbhir Nis gu math na b' fhaisge air meadhan an dà sgìre-easbaig, agus 's ann às a seo a thàinig togail Cathair-eaglais Inbhir Nis aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba. Ann an 1864 chaidh Gallaibh a chur ris an Sgìre-easbaig, agus an-diugh 's e Moireibh, Ros is Gallaibh a tha san Sgìre-easbaig, agus Ionad Sgìreil aig Arp a' Phìlidh san Eilean Dubh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lùchairt Spinnein no Spynie

MOIREIBH

1790an

cathair-eaglaisean; eaglaisean; tobhtaichean; lùchairtean