Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Ailean Becher Webb
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_036
AITHNEACHADH MAOINE
30032
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend Allan Becher Webb

Rugadh Ailean Webb ann an Calcutta ann an 1839, agus fhuair e fhoghlam oilthigheil agus diadhachd aig colaistean ann an Oxford. Rinneadh e na Iar-Phrionnsapal aig colaiste na diadhachd an sin fad trì bliadhna, agus an uair sin na Reachdair ann an eaglais ann an Siorrachd Warwick.

B' ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis air Latha an Naoimh Anndra, 1870, a chaidh a choisrigeadh na Easbaig aig Bloemfontein (Afraga a Deas), agus rinn e seirbheis ann an Sgìre-easbaig Bhloemfontein gu ruig 1883, agus an uair mar Easbaig Bhaile nan Greumach (Afraga a Deas) gu 1897 nuair a leig a dheth a dhreuchd air sgàth droch shlàinte. Chaidh a shuidheachadh an uair sin na Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis, agus na fhrith-easbaig aig Easbaigeachd Mhoireibh, Rois is Ghallaibh fon Easbaig Kelly.

Thill e greiseag a Bhloemfontein agus an uair sin, mu dheireadh, gu Sgìre-easbaig Salisbury na Dheadhan ann an 1900, mus do chaochail e ann an 1907. Bha e na ùghdar air iomadh foillseachadh air cuspairean creideimh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Ailean Becher Webb

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

St Andrew's Cathedral, Inverness

Rugadh Ailean Webb ann an Calcutta ann an 1839, agus fhuair e fhoghlam oilthigheil agus diadhachd aig colaistean ann an Oxford. Rinneadh e na Iar-Phrionnsapal aig colaiste na diadhachd an sin fad trì bliadhna, agus an uair sin na Reachdair ann an eaglais ann an Siorrachd Warwick. <br /> <br /> B' ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis air Latha an Naoimh Anndra, 1870, a chaidh a choisrigeadh na Easbaig aig Bloemfontein (Afraga a Deas), agus rinn e seirbheis ann an Sgìre-easbaig Bhloemfontein gu ruig 1883, agus an uair mar Easbaig Bhaile nan Greumach (Afraga a Deas) gu 1897 nuair a leig a dheth a dhreuchd air sgàth droch shlàinte. Chaidh a shuidheachadh an uair sin na Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis, agus na fhrith-easbaig aig Easbaigeachd Mhoireibh, Rois is Ghallaibh fon Easbaig Kelly. <br /> <br /> Thill e greiseag a Bhloemfontein agus an uair sin, mu dheireadh, gu Sgìre-easbaig Salisbury na Dheadhan ann an 1900, mus do chaochail e ann an 1907. Bha e na ùghdar air iomadh foillseachadh air cuspairean creideimh.