Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Easbaig Anndra MacPhàrlain
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_038
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
AITHNEACHADH MAOINE
30034
KEYWORDS
clèir
clèieich
easbaigean
deilbh dhaoine
Bishop Andrew Macfarlane

Rugadh Anndra MacPhàrlain ann an Dùn Èideann ann an 1743 do theaghlach à Gartanlaw (Siorrachd Mhoireibh). Fhuair e foghlam airson na h-Eaglais aig Meiklefoll, faisg air Fyvie. An dèidh seirbheis a thoirt dha Eaglais Easbaigeach na h-Alba ann an diofar pharaistean ann an Siorrachd Mhoireibh, thàinig e chun an dreuchd ann an Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain, a thuilleadh air Srath Nàrann ann an 1779, agus thug e seirbheis ann an Inbhir Nis gus an do bhàsaich e ann an 1819.

Sgrìobhte le làimh air cùl frèam an deilbh, tha e ag ràdh: "This is a photograph of a silhouette of Bishop Macfarlane belonging to Mrs Magdalene Duff Wilson, daughter of Colonel Macfarlane (who married Miss Inglis of Kingsmills, and died in India) and granddaughter of the Bishop. Presented to the Bishop of Moray August 17, 1911."

B' e deagh sgoilear Gàidhlig agus Eabhra a bh' ann am MacPhàrlain, agus na sgìobhadair litricheaan mòr. Thàinig e an toiseach gu bhith na cho-chuidiche Easbaig Mhoireibh, agus an uair sin Easbaig Mhoireibh agus Rois cha mhòr sa bhad an dèidh sin. Leig e às pàirt Mhoireibh den Sgìr-eabaig ann an 1798 dha Alasdair Jolly (faic an dealbh eile). Nuair a bha e na Eabaig choisrig e sia caibeil ùra dha Eaglais Easbaigeach na h-Alba, nam measg sin eaglais ùr (Naomh Eoin) ann an Inbbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1801 aig ceann a tuath Sràid na h-Eaglaise. Fhuair e air òrgan a chur innte.

Phòs MacPhàrlain Magdalene Duff, an ceathramh nighean aig Uilleam Duff à Baile an Fhraoich. Bha triùir chloinne aca, agus phòs aon dhiubh an t-Urr. Teàrlach Fyvie, an neach a ghabh àite MhicPhàrlain ann an Eaglais an Naomh Eoin, ann an 1819. Chaidh Fyvie gu bhith na Dheadhan air Sgìr-easbaig Mhoireibh agus Rois ann an 1839.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Easbaig Anndra MacPhàrlain

INBHIR NIS:Inbhir Nis 's Am Bànath

clèir; clèieich; easbaigean; deilbh dhaoine

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness

St Andrew's Cathedral, Inverness