Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Very Reverend James Henry Leslie Pennell

Rugadh Leslie Pennell an Dùn Èideann ann an 1906, agus fhuair e fhoghlam aig Acadamaidh, Oilthigh agus Colaiste na Diadhachd, uile ann an Dùn Èideann. Chaidh a chur na dhreuchd ann an 1929 ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis, far an do chuir e seachad trì bliadhna na Chiad-sheinneadair.

Ann an 1932 chaidh a shuidheachadh aig Eaglais Easbaigeach Albannach an Naoimh Moire ann an Dùn Bhlathain, agus bha e cuideachd na sheaplain do Sgoil na Banrigh Bhictoria (sgoil do theaghlaichean luchd-seirbheis) a bha sa bhaile. Ann an 1935 chaidh e a-steach don Arm Dhachaigheil, na Territorials, ceangailte ris an Roinn Ghàidhealaich. Nuair a thòisich an cogadh rinn e seirbheis leis a' 'British Expeditionary Force' san Fhraing mus do chuir e seachad ceithir bliadhna 's na h-Ìnnseachan. Aig deireadh a' chogaidh bha e na Iar-chuidiche don t-Seaplain Seanalaireil aig a' 14mh Arm. Chaidh an Sgeadachadh Dachaigheil, le Bàr, a bhuileachadh air ann an 1950.

Thill Pennell a dh'Inbhir Nis ann an 1949, na Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, agus cuideachd rinn e seirbheis mar Sheaplain do Thaigh-feachd nam Camshronach san Rathaig Mhòir agus do Chomann Sgìreil Rionnag Bhurma. 'S e a stèidhich comharrachadh làitheil na Bannag sa Chathair-eaglais agus a stiùir càraidhean ris an togalach tràth sna 1960an. B' e ùidhsan ann an dràma a chuidich cruthachadh Cluicheadairean na Cathair-eaglais agus taisbeanaidhean dealbhan-cluiche air Breith Chriosd.

Ged a dh'fhuirich e na Chanan Urramach aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, nuair a dh'fhàg e Inbhir Nis ann an 1965, chaidh a shuidheachadh na Reachdair, no Rector, ann an Essex, agus rinn e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972. Ghluais e astar bheag gu Sussex às dèidh sin, agus bhàsaich e an sin ann an 1996, an là ro a 90mh co-la breith.

Bha ùidh mhòr aige sa 'Boy Scout Movement' (mar a bh' air an uair sin), a' dèanamh seirbheis na Mhaighstir-feachda an dà chuid ann an Dùn Bhlathain agus ann an Inbhir Nis. Bha e cuideachd greis na Choimiseanair Sgìreil Feachd nan Gillean ann an Siorrachd Pheairt.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ro-urramach Seumas Eànraig Leslie Pennell

eaglaisean; clèirich; ministearan; feachd nan gillean; sagairtean

St Andrew's Cathedral, Inverness