Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Very Reverend Alexander Augustin Donald Mackenzie

Fhuair Alasdair A D MacCoinnich oideachadh aig colaiste dhiadhachd Durham mus do rinn e seirbheis mar Dheadhan 's an uair sin mar Shagairt ann an Leicester. Thàinig e a dh'Inbhir Nis ann an 1911 mar Chiad-sheinneadair agus Frith-shagairt aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, agus rinneadh e na Phròbhaist dhith nuair a leig am Pròbhaist Mitchell-Innes dheth a dhreuchd ann an 1918. 'S e a rinn seirbheis mar Phròbhaist sa Chathair-eaglais gu math na b'fhaide na duin' eile, san dreuchd sin barrachd air 30 bliadhna.

Na chluaineas chaidh MacCoinnich a dhèanamh na Chanan Urramach aig a' Chathair-eaglais agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Loidse Chinn Eilein ann an Srath Pheofhair, ach, aig aois 92, ghluais e a-steach air ais a dh'Inbhir Nis. Chaochail e ann an taigh niorsaidh ann an Inbhir Nis ann an 1969 agus chaidh a thiodhlacadh mu shia seachdainean às dèidh D. F. Raibearts, Neach-òrgain na Cathair-eaglais, fear a chuir seachad 46 bliadhna na dhreuchd agus fear a chuir MacCoinnich fhèin san dreuchd sin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ro-urramach Alasdair Augustin Dòmhnall MacCoinnich

eaglaisean; clèirich; ministearan; luchd-ciùil eaglaise

St Andrew's Cathedral, Inverness

Fhuair Alasdair A D MacCoinnich oideachadh aig colaiste dhiadhachd Durham mus do rinn e seirbheis mar Dheadhan 's an uair sin mar Shagairt ann an Leicester. Thàinig e a dh'Inbhir Nis ann an 1911 mar Chiad-sheinneadair agus Frith-shagairt aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, agus rinneadh e na Phròbhaist dhith nuair a leig am Pròbhaist Mitchell-Innes dheth a dhreuchd ann an 1918. 'S e a rinn seirbheis mar Phròbhaist sa Chathair-eaglais gu math na b'fhaide na duin' eile, san dreuchd sin barrachd air 30 bliadhna.<br /> <br /> Na chluaineas chaidh MacCoinnich a dhèanamh na Chanan Urramach aig a' Chathair-eaglais agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Loidse Chinn Eilein ann an Srath Pheofhair, ach, aig aois 92, ghluais e a-steach air ais a dh'Inbhir Nis. Chaochail e ann an taigh niorsaidh ann an Inbhir Nis ann an 1969 agus chaidh a thiodhlacadh mu shia seachdainean às dèidh D. F. Raibearts, Neach-òrgain na Cathair-eaglais, fear a chuir seachad 46 bliadhna na dhreuchd agus fear a chuir MacCoinnich fhèin san dreuchd sin.