Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Very Reverend Reginald John Simpson Mitchell-Innes

Rugadh Raghnall Iain Simpson Mitchell-Innes ann an Siorrachd Berwick ann an 1848 agus chaidh e gu Colaiste Eaglais Chriosd, Oxford. Fhuair e dreuchd mar Iar-chiad-sheinneadair, no Succentor, agus seaplain ann an Cathair-eaglais an Naoimh Moire, Dùn Èideann, ann an 1878, beagan an dèidh dhi fhosgladh do luchd-adhraidh. Ghluais e gu bhith na Cheann-shagairt aig Seann Eaglais Easbaigeach Albannach an Naoimh Pòil ann an Dùn Èideann ann an 1884.

Thill e gu Cathair-eaglais an Naoimh Moire mar Iar-dheadhan ann an 1987, mus deach e a dhèanamh seirbheis ann an Glaschu gu ruig 1911, agus bha pàirt dhe obair an sin mar neach-glèidhidh aig an 'East End Settlement'. Mus do leig e dheth a dhreuchd aig aois 70, rinn e seirbheis a-rithist, fad seachd bliadhna, mar Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, agus bha e a' fuireach an uair sin ann an Taigh Dhùin Achdain.

Chaochail e ann an Dùn Èideann ann an 1930 aig aois 82, an dèidh greis de dhroch shlàinte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ro-urramach Reginald John Simpson Mitchell-Innes

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean; sagairtean

St Andrew's Cathedral, Inverness