Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Ro-urramach Herbert Mather
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_043
AITHNEACHADH MAOINE
30039
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
Canada
The Very Reverend Herbert Mather

Rugadh Herbert Mather ann an Lancastar ann an 1840. Fhuair e fhoghlam oilthigheil ann an Oilthigh Chill Rìmhinn (an Naoimh Anndra) agus ann an Colaiste na Trianaid, Lunnainn. Cheumnaich e na shagairt ann am baile an Naoimh Dhaibhidh sa Chuimrigh ann an 1867. Bho 1870 b' e an ceann-shagairt aig Cathair-eaglais an Naoimh Eòin, Baile an Naoimh Eòin, san Tìr Ùr-Lorgte, no Newfoundland, Canada, agus na sheaplain an toiseach aig Easbaig na Tìr Ùr-Lorgte agus an uair sin aig Easbaig Alba Nuaidh.

Ann an 1875 ghluais e a Shasainn far an do rinn e seirbheis na shagairt gus an deach a chur na dhreuchd mar Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, ann an 1891, ag obair a-rithist còmhla ris an Easbaig Kelly a bha na Easbaig co-ghnìomhaiche na Tìr Ùr-Lorgte san eilean sin. Rinneadh Mather na Easbaig Antigua ann an 1897 agus an uair sin ann an 1905 na chuidiche aig Easbaig Hereford.

Nuair a dh'fhàg e Inbhir Nis, ann an cùirteas san Taigh-òsta Chailleannach, thug coithional na Cathair-eaglais seachad dha lorg no bata aoghaireil agus òraid sgrìobhte dhealbhaichte. Chaidh am buileachadh a dhèanamh le Mgr Frangan Darwin à Muirtown no Baile na Mòna, às leth mu 100 neach-thabhartas.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ro-urramach Herbert Mather

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean; Canada

St Andrew's Cathedral, Inverness

Rugadh Herbert Mather ann an Lancastar ann an 1840. Fhuair e fhoghlam oilthigheil ann an Oilthigh Chill Rìmhinn (an Naoimh Anndra) agus ann an Colaiste na Trianaid, Lunnainn. Cheumnaich e na shagairt ann am baile an Naoimh Dhaibhidh sa Chuimrigh ann an 1867. Bho 1870 b' e an ceann-shagairt aig Cathair-eaglais an Naoimh Eòin, Baile an Naoimh Eòin, san Tìr Ùr-Lorgte, no Newfoundland, Canada, agus na sheaplain an toiseach aig Easbaig na Tìr Ùr-Lorgte agus an uair sin aig Easbaig Alba Nuaidh. <br /> <br /> Ann an 1875 ghluais e a Shasainn far an do rinn e seirbheis na shagairt gus an deach a chur na dhreuchd mar Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra, Inbhir Nis, ann an 1891, ag obair a-rithist còmhla ris an Easbaig Kelly a bha na Easbaig co-ghnìomhaiche na Tìr Ùr-Lorgte san eilean sin. Rinneadh Mather na Easbaig Antigua ann an 1897 agus an uair sin ann an 1905 na chuidiche aig Easbaig Hereford. <br /> <br /> Nuair a dh'fhàg e Inbhir Nis, ann an cùirteas san Taigh-òsta Chailleannach, thug coithional na Cathair-eaglais seachad dha lorg no bata aoghaireil agus òraid sgrìobhte dhealbhaichte. Chaidh am buileachadh a dhèanamh le Mgr Frangan Darwin à Muirtown no Baile na Mòna, às leth mu 100 neach-thabhartas.