Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Easbaig Iain Leslie no Lesley
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_044
DEIT
1697
LINN
1690an
CRUTHADAIR
Pieter Stevens à Gunst
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
AITHNEACHADH MAOINE
30040
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
Bishop John Leslie (or Lesley)

Chaidh an gràbhaladh seo, o 1697, a stèidheachadh air dealbh peanta den Easbaig Leslie leis an neach-ealain, Adriaen van der Werff (1659-1722), fear Duitseach a bha cliùiteach air a pheantaidhean de dhaoine agus de sheallaidhean earotach, naomh no miotasach. B' e an neach-gràbhalaidh Pieter Stevens à Gunst/van Gunst (1659-1724), neach-tarraing agus neach-gràbhalaidh chlàran copair.

Rugadh an t-Easbaig Lesley ann an 1527, 's dòcha na mhac mhì-laghail aig Gavin Lesley, Reachdaire Chinn a' Ghiùthsaich. Fhuair e àrd-fhoghlam aig Oilthigh Obar Dheathain. B' ann ann an Cathair-eaglais Obar Dheathain a bha e an toiseach na oifigear ìseal, an uair sin na chanan agus na fhear-tuarasdail. Rinneadh e na Dhotair nan Laghan san Fhraing ann an 1553. Ann an 1558 thog e riaghailtean naomh air agus rinneadh e na fhear-tuarasdail na ministreachd ann an Oyne, Siorrachd Obar Dheathain.

Ann an 1561 bha e an làthair ann an Dùn Èideann aig a' chonnspaid ainmeil, far na ghabh e an taobh an aghaidh Iain Knox. San aona bhliadhna chaidh a chur na bhall den bhuidheann-tagraidh a bheireadh a' bhanrigh òg, Màiri Banrigh na h-Alba, on Fhraing a dh'Alba. Chaidh e an uair sin a chur san dreuchd na Bhall den Chomhairle Dhìomhair agus na Phroifeasair de Lagh nan Canan aig Colaiste an Rìgh, Obar Dheathain agus rinneadh e na Easbaig do Ros ann an 1565, ged nach b' urrainn dha a dhleasdanasan a choilionadh ceart mar thoradh air an Ath-leasachadh agus beachdan dhaoine air riaghaltas leis an Eaglais.

Dh'fhuirich e na fhìor charaid aig Màiri Banrigh na h-Alba agus sheas e mu choinneamh na cùirt Sasannaich is na Banrigh Ealasaid a' gearan mun mhì-cheartas an aghaidh Màiri. Cha b' fhada gus an deach a chur sa phrìosan ann an Tùr Lunnainn, far na chuir e còmhla stuth airson eachdraidh na h-Alba.

Air a shaoradh ann an 1573, ghluais e dhan Ròimh, far an do dh'fhoillsich e an eachdraidh aige ann an 1578, leis an ainm ann an Laideann, 'De Origine, Moribus, et Rebus Gestis Scotorum'. Bliadhna às dèidh siud bha e san Fhraing agus na neach-cuideachaidh agus na àrd-bhiocair ann an Àrd-easbaigeachd Rouen. An dèidh dha dà ghreis eile sa phrìosan a chur seachad, rinneadh e na Easbaig aig Coutances ann an Normandy, gus an tigeadh an àm nuair a dh'fhaodadh e Easbaigeachd Rois a thogail gu sìtheil. Ach cha do thachair sin a riamh, agus ghluais e na chluaineas gu manachainn faisg air a' Bhruiseal far an do chaochail e ann an 1596.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Easbaig Iain Leslie no Lesley

1690an

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean