Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Raibeart Èdein
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_045
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
AITHNEACHADH MAOINE
30041
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend Robert Eden

Rugadh an t-Easbaig Èdein ann an Lunnainn ann an 1804, an treas mac aig Sir Frederick Morton Èdein, 2na Baran Truir ann an Siorrachd Durham. Cheumnaich e bho Oxford le ìre ann an ealain agus diadhachd. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh na Reachdair aig Leigh on Sea ann an Essex, ghabh mòran dhaoine iongnadh nuair a chaidh a thaghadh mar an Easbaig aig Moireibh is Ros ann an 1851 aig aois 47, an dèidh don Easbaig Daibhidh Low a dhreuchd a leigeil dheth. Cho fad 's a tha fios, cha robh Èdein air siubhal roimhe sin na b' fhaide gu tuath na Glaschu. Chaidh Gallaibh a chur ris an Sgìre-easbaig aige ann an 1864.

An toiseach bha Èdein ag obair a-mach às Eilginn, far an robh a' Chathair-eaglais eachdraidheil na tobhtaichean, agus bha e a' fuireach ann an Taigh Dubhais. Cha robh ach seachd no ochd choithionalan san sgìre, ach chaidh seo a mheudachadh meadhanach luath. Cha b' fhada gus an tàinig e thuige gur e Inbhir Nis àite mòran na b' fheàrr mar ionad do Chathair-eaglais ùr agus ghluais e an sin ann an 1853.

Ghluais e beachdan dhaoine a' bhaile sin cho mòr 's gum b' urrainn dhaibh a' chlach bhonn aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra a chur sìos ann an 1866, agus an t-ailtire sgìreil, Alasdair Ros (fear a bha na Easbaigeach), ga chur ri dealbhadh an togalaich. Chuireadh a' chlach bhonn sìos le caraid aig an Easbaig Èdein, Àrd-easbaig Chanterbury, agus chuir seo umhail air cuid de bhuill Eaglais na h-Alba ann an Inbhir Nis.

An toiseach bha Èdein e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Cùil Tuathail an Inbhir Nis. Ach mar thaing airson a spàirn gus an Eaglais a leasachadh, thog a choithionalan airgead gus an gabhadh Lùchairt an Easbaig a thogail, togalach a tha an-diugh na phàirt de Tèatar Cùirt Èdein. Chuir iad crìoch air an Lùchairt ann an 1878 (faic dealbhan eile). Bha an t-Easbaig cuideachd an sàs san sgìre ann an cùisean foghlaim, a' dèanamh seirbheis greis mar neach-stiùiridh aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Rinn Èdein seirbheis na Phrìomhaire (Primus) aig an Eaglais Easbaigich ann an Alba o 1862 gu 1886. Dh'ùraich e conaltradh eadar An Eaglais Angliogach agus Eaglaisean dhan Ear nuair a thadhail e air Ruisia ann an 1866. Chaidh na h-ìomhaighean beaga naomha a thug an Tsar Alexander II dha, a tha air am foillseachadh sa Chathair-eaglais, a thoirt dha aig an àm sin. Chaochail e san Lùnastal 1886 ann an Inbhir Nis, an dèidh greis de dhroch-shlàinte. Phòs e ann an 1827 agus bha teaghlach mòr aige de chòignear ghillean agus còignear nighean. Chaidh fear de a mhic, Raibeart Ailean Èdein, a-steach don mhinistrealachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Raibeart Èdein

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness

St Andrew's Cathedral, Inverness