Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Easbaig Jolly
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_046
DEIT
1840
LINN
1820an
CRUTHADAIR
W. H. Lizars
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness
AITHNEACHADH MAOINE
30042
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
leabhraichean
leabhar-lann
Bishop Jolly

Chaidh an gràbhaladh seo a thogail o chòmhdach aghaidh de chruinneachadh de dh'obair na 19mh linn aig an Easbaig Alasdair Jolly. Chaidh an gràbhaladh a dhèanamh leis a' chompanaidh Lizars ann an 1940, o pheantadh le J. Moir à 1821.

B' e easbaig tràth san 19mh linn aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba a bh' anns an Easbaig Jolly. Rugadh e gu teachlach easbaigeach ann an Cala nan Clach no Stonehaven ann an 1756 agus b' e neach-marsanta air a dhol na mhaighstir-sgoile a bha na athair. An dèidh dha Colaiste Marischal ann an Obar Dheathain fhàgail aig aois sia no seachd-deug, rud a bha cumanta aig an àm, chaidh Jolly na thaoitear do theaghlach Leslie à Rathais, a chionn 's nach b' urrainn dha, air sgàth a chreideimh, a dhol a dh'obair san eaglais nàiseanta no ann an gin de na sgoiltean aice. Mar thoradh air Ar-a-mach nan Seumasaich bha an Eaglais Easbaigeach air fhàgail fo fhìor chuingealachaidhean, gus an deach na Laghan Peanasachaidh a thogail ann an 1792.

Mu aois fhichead chaidh Jolly a chur na dhreuchd Easbaigeach agus bha e an ceann choithionail anTurriff fad dà bhliadhn' deug. Ann an 1788 chaidh a ghluasad dhan Bhruaich, Baile nam Frisealach, ach cha do fhreagair e dùilean nan daoine mar mhinistear. Bha e a' fuireach leis fhèin shuas ann an taigh beagh air an t-Sràid Àird, ann an dà rùm a ghabhadh faighinn thuige le staidhre chaol fhiodha. Chaidh a bhiadh a thoirt dha le boireannach on àite a bhiodh ga ghiùlan fo a h-aparan. Bhiodh e ag èirigh a h-uile là mu 4 sa mhadainn, agus an dèidh ùrnaighean bhiodh e na shuidhe a' leughadh a' chuid a bu mhotha den là. Cha robh mòran dhaoine na choithional agus mar sin cha bhiodh e a' caitheamh cus ùine a' tadhal orra air fad. Cha robh mòran sheirbhisean no choinneamhan ann, ach bhiodh Jolly an còmhnaidh ag aithris a Dhleasdanais dha fhèin aig an taigh. Bhiodh e a' comanachadh leis fhèin a' cleachdadh na Sàcramaid Glèidhte, bho nach robh comanachadh aige san eaglais ach còig turais sa bhliadhna.

Ged a bha an t-Easbaig Skinner na aghaidh, chaidh Jolly a dhèanamh na Easbaig Co-ghnìomhach aig Moireibh ann an 1796, ged nach robh feum aig an Easbaig MacPhàrlain air cuideachadh sam bith aig an àm. Dà bhliadhna an dèidh siud rinneadh Jolly na Easbaig Mhoireibh leis fhèin, a' cumail sùil air clèireach de 's dòcha leth dhusan. Bhiodh e a' tadhal 's a' dèanamh co-neartachadh san Sgìre-easbaig aon turas gach trì bliadhna, agus chaidh a' chuid a bu mhotha de ghnothaichean eile na sgìre a dhèanamh tro litrichean. Cha robh cus ùidh aige ann an gnothaichean coitcheann na h-Eaglais, 's chuireadh e dùbhlan air cha mhòr a h-uile h-atharrachadh ann an gnàthas is cleachdadh agus sheachnadh e gach co-chruinneachadh is co-labhairt a b' urrainn dha.

Ach bha ùidh mhòr aige san Liturgy, Sgrìobhadh is cànan na h-eaglais, gu h-àraid cho sònraichte 's a bha Suipeir an Tighearna. Bu mhòr a b' fheàrr leis Litreachas Alba na h-ama seach faclan Leabhar nan Ùrnaigh Coitcheann.

Nuair a thadhail Seòras IV air Dùn Èideann ann an 1822 bha eagal air a cho-easbaigean mar a bhiodh coltas Jolly, bhon bha an t-aodach aige seann-fhasanta agus bha a ghruag-cinn lom. Ach, ge-ta, bha gruag ùr air a bhith a thabhairt dha agus bha e faiceallach gun leanadh e cleachdaidhean ceart 's mar sin choisinn e meas Rìgh Hanòbhair, aig àm a bha na h-easbaigean Albannach fhathast air am faicinn mar Sheumasaich.

Dh'innis Raibeart Chambers (o theaghlach nan clo-bhuaileadairean) mu chèilidh a rinn e air an Easbaig Jolly ann an 1826. Mus do ràinig Chambers, bha an t-easbaig, ged nach robh mòran ùine aig airson dèanamh deiseil, air a chòmhdach na dheise dhubh sgiobalta seann-fhasanta, na bhrògan leis na bucaillean agus le gruag air a bha cho geal ris an t-sneachda, na shuidhe na rùm air a chuairteachadh air fad le sgeilpichean làn leabhraichean, a' chuid as motha dhiubh aosda agus air cuspairean diadhachd. "The look of the venerable prelate was full of gentleness, as if he had never had an enemy, or a difficulty, or anything else to contend with, in his life. His voice was low and sweet, and his conversation most genial and kindly, as towards the young and unimportant person whom he had admitted to his presence."

Dh'fhàs Jolly deagh leabharlann, ged nach biodh aige ach tuarasdal glè bheag. Dh'fhoillsich e cuid obraichean, an tè as ainmeile ann an 1831, 'The Christian Sacrifice in the Eucharist'.

Chaochail Jolly na chadal am 29mh Ògmhios 1831. Chaidh a thiodhlacadh, mar a dh'iarr e, ann an Turriff. Bha e air a bhith dèanta na Dhotair Diadhachd aig Colaiste Washington, Connecticut, USA, ann an 1826. Às a dhèidh rinneadh an t-Easbaig Daibhidh Low na Easbaig Mhoireibh, fear a bha mar tha na Easbaig Rois is Earra-ghèidheil. Thàinig an sgìre an uair sin a bhith aithnichte, còmhla, mar Sgìre-easbaig Mhoireibh, Rois, Earra-ghàidheil is nan Eilean.

Tha an dealbh den Easbaig Jolly air a stèidheachadh air gràbhaladh a bha ann an seilbh Phrionnsapail Colaiste na Diadhachd aig deireadh na naoidheimh linn deug agus a tha an-diugh ann an cùram Eaglais Easbaigich na h-Alba. Ann an 1958 chuir Colaiste Diadhachd na h-Eaglais Easbaigich pàirt mòr den leabharlann aig Jolly a-steach air iasad fada gu Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh seo atharrachadh ann an 1970 na ghibht agus chaidh an còrr de na leabhraichean o leabharlann Jolly a chur ris.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Easbaig Jolly

1820an

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean; leabhraichean; leabhar-lann