Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fìor Urramach Daibhidh Low
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_047
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Scottish Episcopal Church, Diocese of Argyll and the Isles.
AITHNEACHADH MAOINE
30043
KEYWORDS
eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean
The Right Reverend David Low

Bha an t-Easbaig Daibhidh Low na easbaig aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba san naoidheamh linn deug. Mar thoradh air Ar-a-mach nan Seumasaich bha an Eaglais Easbaigeach air fhàgail fo fhìor chuingealachaidhean, ach lean taic rithe ann an iomadh pàirt den Ghàidhealtachd. Chaidh na Laghan Peanasachaidh, a bha a' cur bacadh air gnìomhan na h-Eaglais Easbaigich, a thogail ann an 1792, agus mu mheadhan na 19mh linn bha an eaglais a' fàs.

Rugadh Low ann an 1768, na mhac aig marsanta ann am Brechin. Chaidh e gu Colaiste Marischal ann an Obar Dheathain, agus chaidh e na thidsear aig sgoil ann an Menmuir fad mu bhliadhna. An uair sin leugh e diadhachd còmhla ris an Easbaig Gleig, fhad 's a bha e na thaoitear aig teaghlach Patullo ann am Balhousie. Chaidh e na shagairt dreuchdail, an toiseach ann am Peairt 's an uair sin ann am Pittenweem ann am Fiobha. Chaidh a chiad àrdachadh a dhèanamh ann an 1819, na Easbaig aig Sgìre-easbaig Rois is Earra-ghàidheil an dèidh bàis an Easbaig MhicPhàrlain. An dèidh bàis an Easbaig Jolly, chaidh a dhèanamh na Easbaig do Mhoireibh, Ros is Earra-ghàidheal ann an 1838, agus do Mhoireibh is Ros o 1846 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1850. Ach b' ann ann am Pittenweem a ghlèidh e a dhachaigh.

Ann an 1831 bha e na phrìomh neach-iomairt ann an cur air bhonn Comunn Easbaigeach na Gàidhlig airson luchd-clèir na Gàidhlig oideachadh. Ann an 1846, aig an àm a thug e seachad Sgìre-easbaig Earra-ghàidheil, thug e seachad tabhartas de £8000 don Sgìre-easbaig. Bhàsaich e san Fhaoilleach 1855 ann am Pittenweem, far an deach a thìodhlacadh.

'S ann o dhealbh-camara den dealbh peanta thùsail, ann an Sgìre-easbaig Earra-ghàidheil san Òban, a chaidh an dealbh seo a thogail.

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Argyll and Bute Library & Information Service

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fìor Urramach Daibhidh Low

eaglaisean; clèirich; ministearan; easbaigean

Scottish Episcopal Church, Diocese of Argyll and the Isles.

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness