Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rùm na Maidne, Cùirt Èdein
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_048
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
unknown
AITHNEACHADH MAOINE
30044
KEYWORDS
togalaichean eachdraidheil
àirneis taighe
lùchairtean
easbaigean
The Morning Room, Eden Court

Chaidh Cùirt Èdein a thogail fada sna 1870an leis an Eaglais Easbaigeach Albannach mar lùchairt do dh'Easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh, an t-Easbaig Raibeart Èdein. An dèidh dha a dhèanamh na Easbaig aig Moireibh is Ros (mar a bha e an uair sin) ann an 1851, bha e air iomairt leasachaidh na sgìre-easbaig a dhèanamh. An toiseach b' ann ann an Eilginn a bha an t-Easbaig, a' fuireach ann an Taigh Dhubhais, ach an dèidh beagan bhliadhnachan ghluais e a dh'Inbhir Nis far an robh e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Cùil Tuathail.

Ann an 1866 chaidh aige air clach-bhonn aig a chathair-eaglais ùr a chur sìos air ionad faisg air Abhainn Nis. Chaidh an togalach a dheilbh le ailtire sgìreil, Alasdair Ros. Chaidh an obair air adhart gu luath agus ann an 1869, ghabhadh seirbheisean an cumail san togalach, ged nach do thachair coisrigeadh an togalaich (rud nach fhaodadh a bhith ann gus am biodh na fiachan air am pàigheadh) gu ruig 1874.

Bha an Eaglais Easbaigeach den bheachd gu robh iad fada an comain an Easbaig Èdein airson na rinn e, agus chuir iad romhpa gur e togail lùchairt an fhreagairt as fheàrr mar thaing dha. Cheannaich an t-Easbaig an talamh, faisg air a' chathair-eaglais, dha fhèin o Shir Alasdair MacMhathain agus chaidh an lùchairt a thogail ann an 1877/1878.

Bha rumannan Poblach ann: rùm-bìdh, rum-tarraing, leabharlann agus rùm maidne (san dealbh seo). Tha an Rùm Maidne an-diugh na phàirt de Rùm MhicIllEathain a' coimhead ri Abhainn Nis.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rùm na Maidne, Cùirt Èdein

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

togalaichean eachdraidheil; àirneis taighe; lùchairtean; easbaigean

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness