Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cluicheadairean Cathair-eaglais an Naoimh Anndra
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_049
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
St Andrew's Cathedral, Inverness
AITHNEACHADH MAOINE
30045
KEYWORDS
tèatar
dràma
dràma neo-dhreuchdail
buidhnean actairean
St Andrew's Cathedral Players

Chaidh Cluicheadairean na Cathair-eaglais a chur air bhonn le Pròbhast na h-eaglais, Leslie Pennell, agus bha iad a' dol bho na 1950an gu mu 1967, nuair nach robh daoine gu leòr deònach pàirt a ghabhail ann. Bha cha mhòr a h-uile duine de na cluicheadairean ann an coithional na Cathair-eaglais. B' e cuid de na h-actairean cunbhalach sna 1960an Barbara Hepburn, Mairead [Meg] Brown agus Mairìn agus Seumas Pringle.

Mar bu trice bhiodh na foillseachaidhean aca air an cumail ann an Taigh na h-Eaglaise, Sràid Choinnich, Inbhir Nis, air neo ann an Ionad na h-Ealain (ann am Pàirc Farraline aig an àm) ged a chaidh foillseachadh de 'Murder in the Cathedral' (T. S. Eliot) a dhèanamh sa Chathair-eaglais fhèin san t-Samhain 1964. Chaidh seo a chur air dòigh le Mairìn NicIllraith agus thog e £70 airson ath-ùrachadh Cathair-eaglais an Òbain. Bha foillseachaidhean eile, mar bu trice, de dhealbh-chluichean le aon achd.

Chan eil fhios co 'n dealbh-chluich a bha iad a' dèanamh san dealbh seo.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cluicheadairean Cathair-eaglais an Naoimh Anndra

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

tèatar; dràma; dràma neo-dhreuchdail; buidhnean actairean

St Andrew's Cathedral, Inverness

St Andrew's Cathedral, Inverness

Chaidh Cluicheadairean na Cathair-eaglais a chur air bhonn le Pròbhast na h-eaglais, Leslie Pennell, agus bha iad a' dol bho na 1950an gu mu 1967, nuair nach robh daoine gu leòr deònach pàirt a ghabhail ann. Bha cha mhòr a h-uile duine de na cluicheadairean ann an coithional na Cathair-eaglais. B' e cuid de na h-actairean cunbhalach sna 1960an Barbara Hepburn, Mairead [Meg] Brown agus Mairìn agus Seumas Pringle.<br /> <br /> Mar bu trice bhiodh na foillseachaidhean aca air an cumail ann an Taigh na h-Eaglaise, Sràid Choinnich, Inbhir Nis, air neo ann an Ionad na h-Ealain (ann am Pàirc Farraline aig an àm) ged a chaidh foillseachadh de 'Murder in the Cathedral' (T. S. Eliot) a dhèanamh sa Chathair-eaglais fhèin san t-Samhain 1964. Chaidh seo a chur air dòigh le Mairìn NicIllraith agus thog e £70 airson ath-ùrachadh Cathair-eaglais an Òbain. Bha foillseachaidhean eile, mar bu trice, de dhealbh-chluichean le aon achd. <br /> <br /> Chan eil fhios co 'n dealbh-chluich a bha iad a' dèanamh san dealbh seo.