Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Vue de la Ville d'Elgin (Sealladh air Baile Eilginn)
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_50
ÀITE
Eilginn
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
LINN
1690an
CRUTHADAIR
unknown
AITHNEACHADH MAOINE
30046
KEYWORDS
bailtean
seallaidhean bhailtean
eaglaisean
Vue de la Ville d'Elgin (View of the Town of Elgin)

Tha e coltach gun deach an dealbh seo a thogail on druim fearainn an iar-thuath air Baile Eilginn. Chithear lùb ann an Abhainn Lossie air beulaibh an deilbh. Chithear tobhtaichean Cathair-eaglais Eilginn air an làimh chlì, leis an tùr as àirde, agus le dà thùr ri thaobh a tha nas ìsle. Tha an gràbhaladh seo a' sealltainn coltas an togalaich mar a bha e am meadhan no fada san t-17mh linn, an dèidh don mhullach tuiteam a-steach ach mus do thuit a' phrìomh thùr. Tha Cnoc a' Chaisteil as fhaide dhan làimh dheas. Ann am meadhan a' bhaile chithear tùr le mullach a th' aig Eaglais an Naoimh Giles (air a leagail ann an 1826).

Chan eil fhios co às a thàinig an dealbh seo, ach tha e coltach gur ann air sealladh air a tharraing le John Slezer airson Theatrum Scotiae, foillsichte o 1693, a tha e stèidhichte.

Chaidh Cathair-eaglais Eilginn a chur air bhonn ann an 1224 mar chathair-eaglais Sgìre-easbaig Mhoireibh. Roimhe seo b' ann aig Spynie, no Spinnean, an ear-thuath air Eilginn a bha a' Chathair-eaglais. Chaidh an togalach a bhriseadh gu dona ann an ionnsaigh le Madadh-allaidh Bhàideanaich ann an 1390.

An dèidh an Ath-leasachaidh bhiodh muinntir na sgìre a' cleachdadh Eaglais na Paraiste an Naoimh Giles, agus chaidh a' chathair-eaglais fhàgail bàn. Thug Achd Pàrlamaid 1567 ùghdarras gum biodh luaidhe a mullaich a thogail air falbh on chathair-eaglais ach am pàigheadh e cosgaisean cumail suas an airm. Ach chaidh an soitheach a bha a' giùlan an luaidh a-null don Òlaind fodha ann an cala Obar Dheathain.

San Dùbhlachd 1637 thuit pàirt den mhullach a-steach, agus air Sàbaid na Càisge 1711 thuit an tùr sa mheadhan agus leag e corp na h-eaglais. Às dèidh siud bhiodh muinntir an àite a' falbh leis na clachan. Cha do thòisich obair gus an structar a neartachadh gu 1809. Bho 1824, thòisich Iain Shanks, greusaiche sa bhaile, a' glanadh air falbh an sprùillich. Ach cha b' ann gu na 1930an a thòisich obair mhòr airson na tobhtaichean a chumail suas. Tha an togalach an-diugh fo chùram Alba Eachdraidheil.

Ann an 1851, ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba, chaidh Sgìre-easbaig Mhoireibh a chur còmhla ri Sgìre-easbaig Rois. Chaidh Gallaibh a chur ris ann an 1864. B' e a' chiad easbaig a bh' aig na sgìrean aonaichte an t-Easbaig Raibeart Èdein, agus chuir esan roimhe gur e Inbhir Nis am baile a bha na mheadhan air an sgìre 's cha b' e Eilginn. Mar siud chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis a thogail eadar 1866 is 1869, agus tha an togalach sin a' frithealadh mar Chathair-eaglais don sgìre a tha an-diugh na Sgìre-easbaig do Mhoireibh, Ros is Gallaibh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Vue de la Ville d'Elgin (Sealladh air Baile Eilginn)

MOIREIBH

1690an

bailtean; seallaidhean bhailtean; eaglaisean

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness