Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Channerie, Ville du Comte de Ross (A' Chananich, baile ann an Siorrachd Rois)
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_53
ÀITE
A' Chananaich / Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1690an
CRUTHADAIR
unknown
AITHNEACHADH MAOINE
30049
KEYWORDS
bailtean Linne Mhoireibh
tobhtaichean eaglaisean
tobhtaichean eachdraidheil
Channerie, Ville du Comte de Ross (Chanonry, town in the County of Ross)

Tha coltas gun deach an sealladh seo a thogail on talamh nas àirde an taobh an iar-thuath air baile na Cananaich (no Cananaich nan Clag, mar a bh' oirre uaireigin), no Fortrose, mar a th' oirre ann am Beurla an-diugh. Taobh thall Linne Mhoireibh chithear Àird nan Saor (no Baile nan Caimbeulaich no 's dòcha na Cam-beul, o choltas na linne an siud, ainm eile a bh' air a' bhaile o mheadhan na 17mh linn). Chan eil fhios co às a thàinig an dà ghràbhaladh seo, ach tha na dhà dhiubh air an stèidheachadh air sealladh air a tharraing le John Slezer airson Theatrum Scotiae, foillsichte o 1693.

Tha a' Chananaich ('s cinnteach gu robh Port nan Ros air uaireigin a thug dha an t-ainm Fortrose) agus Ros Mhaircnidh nan laighe gach taobh de ros a tha a' putadh a-mach on Eilean Dubh air taobh a tuath Linne Mhoireibh, na tha air fhàgail de mhorghan no 'moraine' air a chur sìos aig an àm a leagh còmhdach na deighe aig deireadh Linn na Deighe.

On bhliadhna 1124 bha Ros Mhaircnidh na chathair aig Easbaigean Rois (agus bha Cromba san Sgìre-easbaig aca). Chaidh cathair an easbaig a ghluasad a-rithist don Chananaich faisg air làimh far an deach crìoch a chur air a' chathair-eaglais ann an 1485. Chaidh an dà bhaile a dhèanamh nam Borghan Rìoghail ann an 1590. 'S e 'cananaich' àite-fuirich nan Canan/ Canon a bha an lùib na Cathair-eaglais agus a bhiodh a' stiùireadh nan seirbheisean làitheil san eaglais.

Ann am meadhan na 17mh linn chreach feachdan Chrombail Cathair-eaglais na Cananaich airson clachan a chuireadh iad san daingnich a bha iad a' togail ann an Inbhir Nis. Ach fhathast nan seasamh tha an trannsa bhoghaichte a deas, le tùr nan clag, agus taigh caibeil fa leth (air a chleachdadh na thaigh-cìse aig a' Chananaich às dèidh an Ath Leasachaidh). Tha na tobhtaichean seo, ged nach eil iad ro mhòr, a' sealltainn cho bòidheach 's a bha ailtireachd na h-eaglais agus tha iad an-diugh fo chùram Alba Eachdraidheil.

Sa 14mh linn bha aiseag a' siubhal thar Linne Mhoireibh o Rubha na Cananaich gu Àird nan Saor. Bhiodh taistealaich, nam measg Seumas IV, a' dol air an aiseag air an rathad gu Ionad Coisrigte an Naoimh Dubhthaich sa bhaile aige, Baile Dhubhthaich. Ann an 1894 chaidh a' Chananaich a cheangal don Bhlàr Dhubh le rèile meurach, ga fhàgail nas fhasa a ruighinn. Ach ro dheireadh nan 1960an bha an dà chuid, an t-aiseag agus an rèile, air an togail air falbh. A dh'aindeoin sin, chùm baile nan Cananaich air a' fàs ann am meud, gu h-àraid an dèidh dhaibh Drochaid Cheasaig fhosgladh ann an 1982.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Channerie, Ville du Comte de Ross (A' Chananich, baile ann an Siorrachd Rois)

ROS: Ros Mhaircnidh

1690an

bailtean Linne Mhoireibh; tobhtaichean eaglaisean; tobhtaichean eachdraidheil

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness