Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais an Naoimh Eòin, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_STAND_CATH_54
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
Mackenzie & Matthews
AITHNEACHADH MAOINE
30050
KEYWORDS
eaglaisean
bailtean mora
St. John's Church, Inverness

B' ann an taobh an ear Sràid na h-Eaglaise, eadar na cinn aig Sràid an Aonaidh is Geata na Banrigh, a bha Eaglais an Naoimh Eòin, an dàrna eaglais ann an Inbhir Nis leis an ainm seo. Chaidh an eaglais fhosgladh san Iuchar 1838. Air a dheilbh le Uilleam Robasdan, bha mullach na h-eaglais a' leantainn stoidhle a' mhullaich air Caibeal Eanraig VII ann an Abaid Westminster. Chaidh a' chlach-bhonn a chur sìos a' bhliadhna roimhe leis an Deathan Fyvie.

Chosg an togail dhith £2000, agus chaidh a leagail ann an 1903, ged a mhair an tùr aice ann an Sràid na h-Eaglais gu ruig 1958. Bho 1903 chaidh a làrach a chleachdadh na garaids aig muinntir Chapman. Tha an gràbhaladh seo, 's dòcha o mheadhan na 19mh linn, a' sealltainn deilbh dhreachail airson an tùr a chrìochnachadh, sgeama nach tàinig a-riamh gu buil.

'S ann aig Eaglais an Naoimh Eòin a tha an coithional Inbhir Niseach as aosta aig an Eaglais Easbaigich Albannaich. A rèir nan clàran, bha an t-Urr Eachann MacCoinnich, ministeir na paraiste o 1688 "a staunch upholder of Episcopacy, and declined to accept the new system (Presbyterianism) at the Revolution, but continued to perform his duties as Parish Minister". An 14mh den Dàmhair 1691, chaidh Eachann MacCoinnich, agus muinntir a choithionail, a thilgeil a-mach à Eaglais na Paraiste.

Fad iomadh bliadhna bhiodh na h-Easbaigich ag adhradh gu dìomhair. Às dèidh Ar-a-mach 1688 bha ceud bliadhna de gheur-leanmhainn orra, agus an ceann nan ceud bliadhna sin bha na h-Easbaigich a' coinneachadh ann an Taigh coinneimh beag air a' Mhaghad. Chaidh ciad eaglais an Naoimh Eòin a thogail ann an 1801 aig ceann a tuath Sràid na h-Eaglaise. 'S e Eaglais an Naoimh Eòin an-là an-diugh, air Rathad an Taobh a Deas/ Southside, an treas tè leis an ainm sin ann an Inbhir Nis, agus chaidh cuid de na feartan ailtireach aice a thogail on dàrna eaglais leis an ainm sin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais an Naoimh Eòin, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

eaglaisean; bailtean mora

Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness