- TIOTAL
- Acarsaid Chrombaidh
- EXTERNAL ID
- PC_TAYLOR_BLACKISLE_JAN157
- ÀITE
- Cromba
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Crombaidh
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Andrew Taylor
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30065
- KEYWORDS
- acarsaidean

Chaidh acarsaid Chrombaidh a thogail eadar 1781 agus 1784 nuair a chaidh an cidhe cloiche a bha ann bho thùs a leasachadh agus chaidh cidhe ùr agus doirlinn-fasgaidh a chur ris. Chaidh a phàigheadh le Seòras Ros Baile Chèiridh a cheannaich Oighreachd Chrombaidh agus a dh' ath-leasaich am baile. Bha Cromba air a bhith a' fàs mar phort tràth anns an ochdamh linn deug tro mhalairt ri Nirribhidh, an t-Suain agus an Òlaind a bharrachd air Sasainn. Chaidh fiodh, iarann, sineabhar agus gual a thoirt a-steach agus chaidh gràn agus iasg-saillte a reic.
Anns an naoidheamh linn deug chleachd eilthirich an acarsaid airson seòladh a Chanada, Ameireaga a Tuath agus Astrailia. Bha Caolas Chrombaidh na ionad nèibhi ann an 1912 agus bha an acarsaid trang a-rithist. Bho chionn ghoirid thathar air Caolas Chrombaidh a chleachdadh airson a bhith a' togail agus a' càradh chrann-ola a bharrachd air a bhith a' toirt àite dhaibh fhad 's nach robh feum orra