Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sligh'-uisge aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_GLENURQUHART_1
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
30073
KEYWORDS
canàl
lochan
slighean-uisge
glinn
còmhdhail
Canal locks at Fort Augustus

Tha an dealbh seo a' sealltainn shoithichean a' siubhal tro ghlasan a' chanàil ann an Cille Chuimein.

Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ruith airson 60 mìle eadar Inbhir Nis agus A' Chorpaich faisg air A' Ghearsdan. Chaidh a dhealbh airson 's nach biodh aig soithichean-mara ri dhol air an turas chunnartach mu chuairt taobh a tuath na h-Alba tron Chaol Arcach. Tha 38 mìle dheth a' dol tro Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh agus 's e gearraidhean san t-slighe a th' anns an 22 mìle eile. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge cuideachd.

Rinneadh a' chiad sgrùdadh anns na 1770an le Seumas Watt ach mu dheireadh thall thòisich an obair ann an 1803 a rèir phlanaichean le Tòmas Telford. Bha dùil an toiseach gum maireadh an obair 7 bliadhna agus gun cosgadh e £350,000 ach aig a' cheann thall mhair an obair 17 bliadhna agus chosg e £840,000. Nuair a dh'fhosgladh e, bha an doimhneachd aige 14 troighean an àite 20 agus mar sin rinneadh obair a bharrachd eadar 1844 agus 1847 gus an doimhneachd a mheudachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sligh'-uisge aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

2000an

canàl; lochan; slighean-uisge; glinn; còmhdhail

Andrew Taylor

Tha an dealbh seo a' sealltainn shoithichean a' siubhal tro ghlasan a' chanàil ann an Cille Chuimein.<br /> <br /> Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ruith airson 60 mìle eadar Inbhir Nis agus A' Chorpaich faisg air A' Ghearsdan. Chaidh a dhealbh airson 's nach biodh aig soithichean-mara ri dhol air an turas chunnartach mu chuairt taobh a tuath na h-Alba tron Chaol Arcach. Tha 38 mìle dheth a' dol tro Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh agus 's e gearraidhean san t-slighe a th' anns an 22 mìle eile. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge cuideachd. <br /> <br /> Rinneadh a' chiad sgrùdadh anns na 1770an le Seumas Watt ach mu dheireadh thall thòisich an obair ann an 1803 a rèir phlanaichean le Tòmas Telford. Bha dùil an toiseach gum maireadh an obair 7 bliadhna agus gun cosgadh e £350,000 ach aig a' cheann thall mhair an obair 17 bliadhna agus chosg e £840,000. Nuair a dh'fhosgladh e, bha an doimhneachd aige 14 troighean an àite 20 agus mar sin rinneadh obair a bharrachd eadar 1844 agus 1847 gus an doimhneachd a mheudachadh.