Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Robain, Goillspidh
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_JUNE_JULY07_012
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
24 Ògmhios 2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
30097
KEYWORDS
caisteal
Goillspidh
Cataibh
diùc
Fuadach nan Gaidheal
Dunrobin Castle, Golspie

Is e Caisteal Dhùn Robain an caisteal as fhaide tuath de na caistealan mòra ann an Alba, agus tha e suidhichte air Oirthir Chataibh, mìle tuath air baile Ghoillspidh. Is e cathair dualchasach Diùcan agus Iarlan Chataibh, cinn-cinnidh Chlann an t-Sutharlanaich, agus tha an ailtireachd a th' air a' chaisteal air mòran a tharraing bho dhealbhadh ailtireachd na Frainge. Aig àm nam Fuadaichean, bha Diùc agus Bana-dhiùc Chataibh cunntachail airson ceudan de luchd-gabhail fhuadach bhon fhearann aca. Thathar den bheachd gun deach a' chiad togalach-gleidhidh a thogail ann an 1401, ach tha an caisteal air a dhèanamh suas grunn tursan bhon uair sin. Ann an 1845, fhuair Dùn Robain a' chuid mhòr den dreach a tha air a-nis nuair a chaidh ath-dhealbh gu tur leis an Ridire Teàrlach Barry, an t-ailtire a bha ainmeil airson dealbhadh Taighean na Pàrlamaid. Nas fhaide air adhart ann an 1904 agus 1921, chaidh a dhèanmah suas às ùr leis an ailtire Albannach, an Ridire Raibeart Lorimer. Tha cuid de na h-aogasan a bh' anns a' chiad dùn rim faicinn fhathast air an gleidheadh am broinn an togalaich a th'ann a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Robain, Goillspidh

CATAIBH: Goillspidh

2000an

caisteal; Goillspidh; Cataibh; diùc; Fuadach nan Gaidheal