Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Easbaigeach Ban-Naomh Anna, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_STRATHPEFFER_024
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
30124
KEYWORDS
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
eaglaisean
Eaglais Easbaigeach alba
Easbaigeach
bailtean spàtha
Coinneach Odhar
fàidhean
an dà shealladh
fàisneachd
fàisneachadh
bàtaichean-adhair
togalaichean
ailtireachd
St Anne's Episcopalian Church, Strathpeffer

Bha i na co-eaglais do dh'Eaglais an Naoimh Sheumais ann an Inbhir Pheofharain, agus tha dlùth cheangal eatarra fhathast. Chaidh an eaglais a dhealbhachadh le Iain MacDhonnchaidh, agus thogadh i air fearann le Anna, Ban-Diùc Chataibh agus Ban-Iarla Chrombaidh. Leagadh clach-stèidh na h-eaglais air an 2ra là dhen Ghiblean 1891, agus choisrigeadh an eaglais gu h-oifigeil ann an 1900.

Tha seat de dh'ochd clagan feadanach a bhios air am bualadh le òrd fiodha ann an Eaglais Ban-Naomh Anna. Obraichidh aon neach iad. Chaidh an cur air dòigh le ball den choithional ann an 2000. Tha a' chùbaid air a dèanamh de chloich Caen agus alabastar, agus tha an altair air a dèanamh de mhàrmor agus alabastar. Tha uinneagan le glainne dhathte innte cuideachd.

Tha ceangal eadar Eaglais Ban-Naomh Anna agus fàisneachd le Coinneach Odhar. Tha e coltach gun tuirt e "nuair a bhios còig stìoballan ann an Srath Pheofhair, bidh bàtaichean a' seòladh os cionn a' bhaile agus gan acrachadh fhèin riutha." Nuair a rinneadh tagradh gus eaglais Easbaigeach a thogail ann an Srath Pheofhair bha gearainean ann, oir anns an 19mh linn bha ceithir stìoballan anns a' bhaile. Thogadh an eaglais co-dhiù, le stìoball.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Easbaigeach Ban-Naomh Anna, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; eaglaisean; Eaglais Easbaigeach alba; Easbaigeach; bailtean spàtha; Coinneach Odhar; fàidhean; an dà shealladh; fàisneachd; fàisneachadh; bàtaichean-adhair; togalaichean; ailtireachd

Andrew Taylor

Bha i na co-eaglais do dh'Eaglais an Naoimh Sheumais ann an Inbhir Pheofharain, agus tha dlùth cheangal eatarra fhathast. Chaidh an eaglais a dhealbhachadh le Iain MacDhonnchaidh, agus thogadh i air fearann le Anna, Ban-Diùc Chataibh agus Ban-Iarla Chrombaidh. Leagadh clach-stèidh na h-eaglais air an 2ra là dhen Ghiblean 1891, agus choisrigeadh an eaglais gu h-oifigeil ann an 1900.<br /> <br /> Tha seat de dh'ochd clagan feadanach a bhios air am bualadh le òrd fiodha ann an Eaglais Ban-Naomh Anna. Obraichidh aon neach iad. Chaidh an cur air dòigh le ball den choithional ann an 2000. Tha a' chùbaid air a dèanamh de chloich Caen agus alabastar, agus tha an altair air a dèanamh de mhàrmor agus alabastar. Tha uinneagan le glainne dhathte innte cuideachd.<br /> <br /> Tha ceangal eadar Eaglais Ban-Naomh Anna agus fàisneachd le Coinneach Odhar. Tha e coltach gun tuirt e "nuair a bhios còig stìoballan ann an Srath Pheofhair, bidh bàtaichean a' seòladh os cionn a' bhaile agus gan acrachadh fhèin riutha." Nuair a rinneadh tagradh gus eaglais Easbaigeach a thogail ann an Srath Pheofhair bha gearainean ann, oir anns an 19mh linn bha ceithir stìoballan anns a' bhaile. Thogadh an eaglais co-dhiù, le stìoball.