Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta na Gàidhealtachd, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_STRATHPEFFER_073
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
30126
KEYWORDS
Siorrachd Rois
Ros is Cromba
uisgeachan meinnireach
fuarain
rumannan pumpa
spàthan
àiteachan spà
leigheasan eile
rèileannan
turasachd
taighean-tasgaidh
spòrs
fèisdeas
taighean-òsta
Highland Hotel, Strathpeffer

San dealbh seo chithear Taigh-òsta na Gàidhealtachd, Srath Pheofhair. Chaidh a thogail ann an 1911 le Companaidh Rèile na Gàidhealtachd san dealbhadh àbhaisteach aca agus bha e a' coimhead thairis air Rùm a' Phumpa ann am meadhan a' bhaile.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh a lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819.

Le taic làidir o Bhaniarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite Bhictorianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì le bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

Chaidh prìomh Rùm a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha Rùm Uarach a' Phumpa, ri taobh a' Phàillinn, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàilleann Spà Shrath Pheofhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta na Gàidhealtachd, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

Siorrachd Rois; Ros is Cromba; uisgeachan meinnireach; fuarain; rumannan pumpa; spàthan; àiteachan spà; leigheasan eile; rèileannan; turasachd; taighean-tasgaidh; spòrs; fèisdeas; taighean-òsta