Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tasgaidh, Ulapul
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_ULLAPOOL_033
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
30131
KEYWORDS
eaglaisean
taighean tasgaidh
Tòmas Telford
eaglaisean na Pàrlamaid
Museum, Ullapool

Tha an togalach seo air Sràid Earra Ghàidheil an Iar air a dhìon aig Ire A. Chaidh a togail ann an 1829 agus seo far a bheil taigh-tasgaidh Ulapul an-diugh. B'e Tòmas Telford prìomh dhealbhadair an togalaich agus 's e seo tè de na 32 eaglaisean dhen aon seòrsa air feadh na Gàidhealtachd. 'S e 'Eaglaisean na Pàrlamaid' no 'Eaglaisean Telford' a chanas iad riutha oir chaidh na h-àiteachan aoraidh seo a thogail an deidh do Choimisean na Gàidhealtachd 's nan Eilean cò-dhunadh gu robh feum air barrachd eaglaisean anns na sgìrean iomallach agus far nach robh cus dhaoine a' fuireach.

Bha gach eaglais (agus mans') rin togail aig cosgais £1500 a-mhàin, agus chum sin an dealbhachd sìmplidh, 's dòcha caran lom. Bha iad an toiseach a' dol a thogail 43 eaglaisean ach aig deireadh na h-ùine ann an 1830, cha robh ach 32 air an crìochnachadh agus 11 eaglaisean a bh' ann roimhe air an leasachadh.

Chaidh an t-seirbheis mu dheireadh a chluinntinn anns an eaglais seo ann an 1935. Tha an togalach air a bhith na thaigh-tasgaidh bho 1990 agus chaidh taobh a-staigh na h-eaglaise, na dathan agus an dreach, a dhèanamh mar a bha e bho thùs.

Anns an taigh tasgaidh tha clàran sgìreil, deilbh, eachdraidh agus roinn mu shloinntearachd rin lorg. Cuideachd tha taisbeanadh audio-visual mu Loch Braoin ri fhaicinn air clàr-amhairc mòr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tasgaidh, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

2000an

eaglaisean; taighean tasgaidh; Tòmas Telford; eaglaisean na Pàrlamaid