Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid Inglis
EXTERNAL ID
PC_UNKNOWN_010
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
30167
KEYWORDS
taillearan
luchd-reic tombaca
luchd-reic fìona
bùithtean leabhraichean
bùithtean phàiperan
taighean-òsta
garaistean
probhaistean
fèill Mhàrtainn
fèill caise
Inglis Street

Chithear sealladh de Shràid Inglis ann an Inbhir Nis san dealbh seo. Air làimh chlì na sràide tha bùth Pullars of Perth, na glanadairean-aodaich, an tàillear 'Campbell the Ladies and Gents Tailor', bùth tombaca agus reiceadair-fìona. Air làmh dheas na sràide chithear bùth-leabhraichean is phàipearan Alexanders. Aig a' mhullach tha Sràid Inglis agus an Àrd-shràid a' tighinn ri chèile. Tha Taigh-òsta an Stèisein, a chaidh a thogail ann an 1854, agus garaids MacRae and Dick rim faicinn san dealbh cuideachd.

Bha Sràid Inglis, a bha air a h-ainmeachadh air a' Probhaist Uilleam Inglis, air a cleachdadh mar shlighe eadar margadh na mine agus margadh na sprèidhe. Gach Samhain bhiodh Fèill Màrtainn air a cumail air an t-sràid seo, agus cuideachd air Sràid an Acadamaidh agus an Eastgate. B' e 'Margadh a' Chàise' a bh' aig muinntir an àite air seo a chionn 's gum biodh càise agus ìm na sgìre gan reic aig an fhèill bhliadhnail seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid Inglis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

taillearan; luchd-reic tombaca; luchd-reic fìona; bùithtean leabhraichean; bùithtean phàiperan; taighean-òsta; garaistean; probhaistean; fèill Mhàrtainn; fèill caise

Am Baile

Chithear sealladh de Shràid Inglis ann an Inbhir Nis san dealbh seo. Air làimh chlì na sràide tha bùth Pullars of Perth, na glanadairean-aodaich, an tàillear 'Campbell the Ladies and Gents Tailor', bùth tombaca agus reiceadair-fìona. Air làmh dheas na sràide chithear bùth-leabhraichean is phàipearan Alexanders. Aig a' mhullach tha Sràid Inglis agus an Àrd-shràid a' tighinn ri chèile. Tha Taigh-òsta an Stèisein, a chaidh a thogail ann an 1854, agus garaids MacRae and Dick rim faicinn san dealbh cuideachd.<br /> <br /> Bha Sràid Inglis, a bha air a h-ainmeachadh air a' Probhaist Uilleam Inglis, air a cleachdadh mar shlighe eadar margadh na mine agus margadh na sprèidhe. Gach Samhain bhiodh Fèill Màrtainn air a cumail air an t-sràid seo, agus cuideachd air Sràid an Acadamaidh agus an Eastgate. B' e 'Margadh a' Chàise' a bh' aig muinntir an àite air seo a chionn 's gum biodh càise agus ìm na sgìre gan reic aig an fhèill bhliadhnail seo