Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèidh Lochlannach anns a' Mhonadh Ruadh
EXTERNAL ID
PC_UTSI_UTSI_2
ÀITE
Am Monadh Ruadh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
NEACH-FIOSRACHAIDH
Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta
AITHNEACHADH MAOINE
30172
KEYWORDS
Fèidh Lochlannach
fèidh
Am Monadh Ruadh
Reindeer herd in the Cairngorms

Tha an dealbh seo a' sealltainn fhiadh Lochlannach lem buachaille ('s math dh'fhaodte Mikel Utsi) anns a' Mhonadh Ruadh. Thugadh fèidh Lochlannach do dh' Alba as ùr bhon t-Suain san Ògmhios an 1952, agus an dèidh greis ann an cuarantain leigeadh iad mu sgaoil ann an coille Ràta Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Companaidh nam Fiadh Lochlannach Earranta, fo stiùireadh Comhairle nam Fiadh Lochlannach anns an Rìoghachd Aonaichte, a bha le chèile air am maoineachadh le Mikel Utsi, buachaille fèidh Lochlannach on t-Suain.

O 1953, leig Coimisean na Coilltireachd leis a' ghrèigh fhiadh a bhith ag ionaltradh air 70 acair de choilltean , a' leigeil leis a' chompanaidh a bhith dearbhadh nach dèan fèidh Lochlannach milleadh follaiseach air craobhan-durcaineach. Thug Roinn-ghlèidhteachaidh a Tuath dhen Choimisean seachad tuilleadh ionaltraidh ann an 1954, air feadh 5900 acair de thìr na b' àirde ann am Pàirc Coille a' Ghlinn Mhòir, deas air Loch Mòrlaich suas gu mullach a' Chuirn Ghuirm agus Càrn Lochain.

On Lùnastal 1989, tha oifis Companaidh nam Fiadh Lochlannach air a bhith stèidhichte aig Ionad nam Fiadh Lochlannach sa Mhonadh Ruadh, anns a' Ghleann Mhòr. Tha Comhairle nam Fiadh Lochlannach air a dhol à bith

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèidh Lochlannach anns a' Mhonadh Ruadh

INBHIR NIS

Fèidh Lochlannach; fèidh; Am Monadh Ruadh

Companaidh nan Rèin-fhiadh Earranta

Reindeer Company Limited/Utsi

Tha an dealbh seo a' sealltainn fhiadh Lochlannach lem buachaille ('s math dh'fhaodte Mikel Utsi) anns a' Mhonadh Ruadh. Thugadh fèidh Lochlannach do dh' Alba as ùr bhon t-Suain san Ògmhios an 1952, agus an dèidh greis ann an cuarantain leigeadh iad mu sgaoil ann an coille Ràta Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Companaidh nam Fiadh Lochlannach Earranta, fo stiùireadh Comhairle nam Fiadh Lochlannach anns an Rìoghachd Aonaichte, a bha le chèile air am maoineachadh le Mikel Utsi, buachaille fèidh Lochlannach on t-Suain.<br /> <br /> O 1953, leig Coimisean na Coilltireachd leis a' ghrèigh fhiadh a bhith ag ionaltradh air 70 acair de choilltean , a' leigeil leis a' chompanaidh a bhith dearbhadh nach dèan fèidh Lochlannach milleadh follaiseach air craobhan-durcaineach. Thug Roinn-ghlèidhteachaidh a Tuath dhen Choimisean seachad tuilleadh ionaltraidh ann an 1954, air feadh 5900 acair de thìr na b' àirde ann am Pàirc Coille a' Ghlinn Mhòir, deas air Loch Mòrlaich suas gu mullach a' Chuirn Ghuirm agus Càrn Lochain.<br /> <br /> On Lùnastal 1989, tha oifis Companaidh nam Fiadh Lochlannach air a bhith stèidhichte aig Ionad nam Fiadh Lochlannach sa Mhonadh Ruadh, anns a' Ghleann Mhòr. Tha Comhairle nam Fiadh Lochlannach air a dhol à bith