Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Glasan Slighe-uisge a' Chrìonain
EXTERNAL ID
PC_WDOWNIE_010
ÀITE
Sligh'-uisge a' Chrìonan
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Downie
AITHNEACHADH MAOINE
30189
KEYWORDS
slighean-uisge
Crinan Canal Locks

Tha Slighe-uisge a' Chrìonain a' ruith bho Rubha Àird Driseig air Loch Fìn gun Chrìonain ann an Caolas Dhiùra. Chaidh a dhealbh gus an costa an iar agus na h-eileanan a cheangal ri inbhir Chluaidh, mar sin a' seachnadh an turais fhada timcheall fìor cheann a deas leth-eilean Chinn Tìre. Thòisich obair air a' chlais-uisge ann an 1794 fo sgrùdadh an innleadair Iain Rennie. Dh'fhosgail e ann an 1801, dà bhliadhna air dheireadh, thairis air buidseat agus air a dhroch chrìochnachadh. Dh'adhbhraich mòran dhuilgheadasan gun deach iarraidh air Tòmas Telford pìosan den chlais-uisge a dhealbhadh a-rithist ann an 1816.

Tha 15 glasan air fad na naoi mìle den chlais-uisge a tha ag èirigh gu 65 troigh os cionn na mara. Bhon tha e fosgailte dhan mhuir aig gach ceann tha a' chlais-uisge fo smachd tìde-mhara agus caillear mòran uisge aig amannan. Gus dèanamh cinnteach nach tiormaich a' chlais-uisge mar a bhios i ag èirigh, tha seachd stòran uisge a' biadhadh uisge a-steach ann.

Thàinig Slighe-uisge a' Chrìonain fo uallach Slighean-uisge Bhreatainn ann an 1962 agus tha eadar 2000 and 3000 soitheach a' chuid mhòr dhIùbh nam bàtaichean saor-làithean, ga chleachdadh gach bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Glasan Slighe-uisge a' Chrìonain

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath

slighean-uisge

W Downie

Tha Slighe-uisge a' Chrìonain a' ruith bho Rubha Àird Driseig air Loch Fìn gun Chrìonain ann an Caolas Dhiùra. Chaidh a dhealbh gus an costa an iar agus na h-eileanan a cheangal ri inbhir Chluaidh, mar sin a' seachnadh an turais fhada timcheall fìor cheann a deas leth-eilean Chinn Tìre. Thòisich obair air a' chlais-uisge ann an 1794 fo sgrùdadh an innleadair Iain Rennie. Dh'fhosgail e ann an 1801, dà bhliadhna air dheireadh, thairis air buidseat agus air a dhroch chrìochnachadh. Dh'adhbhraich mòran dhuilgheadasan gun deach iarraidh air Tòmas Telford pìosan den chlais-uisge a dhealbhadh a-rithist ann an 1816. <br /> <br /> Tha 15 glasan air fad na naoi mìle den chlais-uisge a tha ag èirigh gu 65 troigh os cionn na mara. Bhon tha e fosgailte dhan mhuir aig gach ceann tha a' chlais-uisge fo smachd tìde-mhara agus caillear mòran uisge aig amannan. Gus dèanamh cinnteach nach tiormaich a' chlais-uisge mar a bhios i ag èirigh, tha seachd stòran uisge a' biadhadh uisge a-steach ann. <br /> <br /> Thàinig Slighe-uisge a' Chrìonain fo uallach Slighean-uisge Bhreatainn ann an 1962 agus tha eadar 2000 and 3000 soitheach a' chuid mhòr dhIùbh nam bàtaichean saor-làithean, ga chleachdadh gach bliadhna