Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caibeal an Leathaid, Ros an Iar
EXTERNAL ID
PC_WDOWNIE_020
ÀITE
An Leathad
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
W Downie
AITHNEACHADH MAOINE
30197
KEYWORDS
caibealan
ràthan tiodhlacaidh
Laide Chapel, Wester Ross

Is e tuineachadh beag aig ceann a deas Bhàigh Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas a' Chàbaig agus an rathad aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbaidhnean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh.

Tha an dealbh seo a' toirt dhuinn sealladh air a' chladh agus air an t-seann chaibeil anns An Leathad, ainmichte cuideachd mar Chaibeal Tràigh Ùdraigil. Tha e air a ràdh gu bheil an togalach a' dol air ais gu 1713, nuair a dh'ath-nuadhaich no a dh'ath-thog Seòras MacCoinnich Ghruinneaird caibeal nas aosta, a thathar a' creidsinn a bha air a togail leis an Naomh Colm Cille. San naoidheamh linn deug chaidh an caibeal bho fheum agus bhathar a' cumail sheirbhisean ann an uaimh faisg air làimh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caibeal an Leathaid, Ros an Iar

ROS: Geàrrloch

caibealan; ràthan tiodhlacaidh

W Downie

Is e tuineachadh beag aig ceann a deas Bhàigh Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas a' Chàbaig agus an rathad aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbaidhnean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh. <br /> <br /> Tha an dealbh seo a' toirt dhuinn sealladh air a' chladh agus air an t-seann chaibeil anns An Leathad, ainmichte cuideachd mar Chaibeal Tràigh Ùdraigil. Tha e air a ràdh gu bheil an togalach a' dol air ais gu 1713, nuair a dh'ath-nuadhaich no a dh'ath-thog Seòras MacCoinnich Ghruinneaird caibeal nas aosta, a thathar a' creidsinn a bha air a togail leis an Naomh Colm Cille. San naoidheamh linn deug chaidh an caibeal bho fheum agus bhathar a' cumail sheirbhisean ann an uaimh faisg air làimh