- TIOTAL
- Làrach Boma ann an Inbhir Uige
- EXTERNAL ID
- PC_WD_DC_001
- ÀITE
- Inbhir Ùige
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Ùige
- LINN
- 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30211
- KEYWORDS
- Maoir rannsachaidh a' Chogaidh
An dara Cogadh
boma
bomaichean
bomadh
ionnsaigh
ionnsaighean
ionnsaigh adhair
ionnsaighean adhair
leòinteach
leòintich

Anns an deilbh seo de dh' Inbhir Uige, chithear làrach far an deach bomaichean a leigeil air tìr-mòr Bhreatainn rè an latha airson a' chiad turais anns an dara Cogadh. Air 1 Iuchar 1940, a' chiad latha de na saor-làithean sgoile, bha mòran cloinne a' cluich faisg air na bùithtean ann am Bank Row, Lower Pultneytown. Chaidh 21 sìobhaltach, 11 duine cloinne nam measg, a mharbhadh anns an sgìre seo le bomaichean a chaidh a leigeil air cidhe Inbhir Uige ach a chaidh air iomrall.
Cha deach an làrach a sgioblachadh as dèidh a' chogaidh agus is e fearann fàs a tha air a bhith ann bhon uairsin. Tha a' choimhearsnachd a-nis air maoin fhaighinn gus an làrach a cheannach agus gus Gàradh Sìthe Cuimhne a thogail. Bidh àite cluich sònraichte ann do chloinn, mar chuimhneachan air a' chlann a bhàsaich nuair a chaidh na bomaichean a leigeil. Thèid na toglaichean faisg air làimh a thogail as ùr mar ionad iomairt òigridh. Chaidh an dealbh seo a thoirt seachad le Donnchadh is Elsie Cormack.
Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Pennyland, Inbhir Theòrsa, agallamh còmhla riuth mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005. Chaill Elsie dithis de a peathraichean ann am bomadh Inbhir Uige